
Làrach-lìn / Website bbcalbaBBC Alba
Tha sgioba coimiseanaidh is rianachd co-bhanntachd BBC ALBA an urra ri na thèid a choimiseanadh de phrògraman is mìrean airson clàran craolaidh sheirbheisean na co-bhanntachd, nam measg tha BBC ALBA, BBC Radio nan Gaidheal agus ùrlaran didseatach leithid iPlayer agus na meadhanan sòisealta.
Tha beàrn air fosgladh anns an sgioba againn airson dreuchd Co-òrdanaiche Gnìomhachas agus tha sinn a’ sireadh neach a tha dripeil is èifeachdach mu choinneamh. Bidh an neach san obair seo a’ gabhail os làimh rianachd agus co-ordanachadh obair an sgioba coimiseanaidh a thilleadh air a bhi a’ taiceachadh agus a’ cumail rian air leabhar latha Ceannard nan Seirbheisean Gàidhlig agus co-obraichean eile san sgioba nuair a bhios sin a dhìth.
Dleastanasan
- Rianachd obair coimiseanaidh
- Cuairtean fosgailte dà thuras sa bhliadhna
- Cuairtean pasgain
- Trusadh fios ris mu atharraichidhean sam bith le pròiseactan
- Cruthachadh aithisgean mu uairean is cosgais airson na seirbheisean gach cairteal
- Cuir air dòigh agus a’ cumail geàrr-chunntasan choinneamhan sgioba – mar as trice gach co-la-deug.
- Co-ordanachadh brathan fiosrachaidh airson sòlaraichean agus a’ cuir air dòigh tachartasan agus coinneamhan gu cunbhalach.
- Cumail rian air leabhar latha Ceannard Sheirbheisean Gàidhlig agus co-obraichean eile nuair a tha feum.
Sgilean a dhìth
- Sàr sgilean conaltraidh agus sònraichte math a bhith a’ dèiligeadh le daoine maille ri comasan togail agus stèidheachadh ceangalan agus càirdeasan obrach le farsaingeachd de chompanaidhean, agus compairtichean.
- Comas cumail cùisean dìomhair agus a bhi a’ dèiligeadh le agus a bhi mothachail mu fhiosrachadh agus gnothaichean a tha feumach air làimhseachadh sònraichte.
- Comas obrachadh leat fhèin agus cuideachd mar phàirt de sgioba.
A bhi a’ cumail dlùth aire air gnothaichean agus a bhi air leth mionaideach anns gach nì obrach. - Deagh chomas cumail cuisean ris an uair iomchaidh agus a bhi nad rianadair air leth tro bhi a’ breithneachadh gu èifeachdach air prìomhachasan ghnìomh gach latha agus thairis air ùine.
- Bi tu èasgaidh ag obair air do cheann fhèin a thilleadh air a bhi sùbailte agus deiseal is deònach gabhail ri suidhichidhean eadar-dhealaichte mar a nochdas iad.
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.