Làrach-lìn / Website cnag_albaComunn na Gàidhlig
‘Se cothrom a tha seo a dhol an sàs aig teis mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig – mathaid ‘san raon às cudromaiche a th’ann – am measg an òigridh; a’ cumail taic ris an ath-ghinealach de luchd-labhairt ùr.
Tha na “h-Iomairtean Ghàidhlig” air a bhith stèidhichte aig Comunn na Gàidhlig bho chionn 2009, agus tha an dreuchd a tha seo mar phàirt den sgioba cliùiteach, taiceil seo.
‘S e sgìre Iomairt ùr a tha seo – a’ frithealadh òigridh Toabh Sear Rois le cothroman Gàidhlig a chleachdadh agus a ghleusadh,
Mar leis a h-uile Iomairt Ghàidhlig eile, tha fòcas làidir againn anns an sgìre seo air an òigridh fhèin, a’ feuchainn ri am brosnachadh agus am misneachadh anns a chànain, agus an dàimh-pearsanta a th’aca dhan Ghàidhlig a dhaingneachadh.
Tha seo ga dheànamh le measgachadh de seiseanan is cur-seachadan spòrsail is tarraingeach, gach cuid leis an oifigear fhèin gan lìbhrigeadh, neo le bhith a’ cur air dòigh feadhainn eile son seo dhèanamh agus ‘se prìomh dhleastanas an oifigear seo am prògram seo a chuir air bhonn agus a lìbhrigeadh.
Tha e riatanach gum bheil ùidh aig an neach a gheibh an dreuchd seo ann a bhith ag obair le daoine òga (sa bhun-sgoil, suas gu deireadh an àrd-sgoil); agus cuideachd a bhith an comas dàimh is càirdeas a thogail leotha.
Tha sinn a’ lorg cuideigin le mac-meanma, dealas dhan chànain, agus ùidh mhòr ann an obair òigridh.
‘Se dreuchd pàirt ùine a tha seo, stèidhichte le CnaG, agus le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig.
Ged a tha sinn air Baile Dhuthaich a chomharrachadh mar àite na dreuchd, ‘s ann a’ frithealadh sgoiltean ann ann Baile Dhubhaich agus Inbhir Pheotharain a bhitheadh an neach seo sa chumantas, mathaid ag obair bhon dachaigh timcheall air làithean-lìbhrigeadh anns na sgoiltean/sgìrean ud.
Thoir an aire gum bheil sinn cuideachd a’ sanasachd dreuchd 0.5FTE eile airson Taobh Siar Rois, agus bhitheadh sinn toilichte coimhead ri tagradh bho aon neach a bhitheadh airson an dà sgìre a ghabhail os làimh.
Bithidh foirm tagraidh a dhìth oirnn bho gach neach aig am bheil ùidh san dreuchd. Gheibh sibh leth-bhreac den fhoirm seo bho Dhòmhnaill MhicNèill air an seoladh post-d: domhnallmacneill@cnag.org
Tuilleadh fiosrachaidh / More info
Pasgan Fiosrachaidh CnaG 08 08 2022.pdfTuairisgeul Obrach Ceitean 2022 Oifigear Iomairt 2.doc
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.