Làrach-lìn / Website cnag_albaComunn na Gàidhlig
(NB: Ath-shanasachd – dreuchd aig ìre làn-ùine a-nis.)
‘Se cothrom a tha seo a dhol an sàs aig teis mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig – mathaid ‘san raon às cudromaiche a th’ann – am measg an òigridh; a’ cumail taic ri luchd-labhairt ùr.
Tha na “h-Iomairtean Ghàidhlig” air a bhith stèidhichte aig Comunn na Gàidhlig bho chionn 2009, agus tha an dreuchd a tha seo mar phàirt den sgioba cliùiteach, taiceil seo.
Mar leis a h-uile Iomairt Ghàidhlig eile, tha fòcas làidir againn anns an sgìre seo air an òigridh fhèin, a’ feuchainn ri am brosnachadh agus am misneachadh anns a chànain, agus an dàimh-pearsanta a th’aca dhan Ghàidhlig a dhaingneachadh.
Tha seo ga dheànamh le measgachadh de seiseanan is cur-seachadan spòrsail is tarruingeach, gach cuid leis an oifigear fhèin gan lìbhrigeadh, neo le bhith a’ cur air dòigh feadhainn eile son seo dhèanamh.
Tha e riatanach gum bheil ùidh aig an neach a gheibh an dreuchd seo ann a bhith ag obair le daoine òga (sa bhun-sgoil, suas gu deireadh an àrd-sgoil); agus cuideachd a bhith an comas dàimh is càirdeas a thogail leotha.
Tha sinn a’ lorg cuideigin le mac-meanma, dealas dhan chànain, agus ùidh mhòr ann an obair òigridh.
‘Se dreuchd làn ùine a tha seo, stèidhichte le CnaG, agus le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig.
NB – Bithidh foirm tagraidh a dhìth oirnn bho gach neach aig am bheil ùidh san dreuchd. Gheibh sibh leth-bhreac den fhoirm seo bho Mhàiri T NicDhòmhnaill air an seoladh post-d: mairit@cnag.org
Feumaidh foirm tagraidh bhith againn ro 5f air Dihaoine 13mh Lùnastal.
Airson còmhradh no-fhoirmeil a dhèanamh mun dreuchd seo faodaidh sibh post-d a chuir sa chiad dol-a-mach gu Marina Mhoireach; marina@cnag.org
Tuilleadh fiosrachaidh / More info
Tuairisgeul Obrach Iuchar 2021 Oifigear Iomairt 1.docSANAS 3 Oifigearan Iomairt Steornabhagh Uig Iar Thuath Hearadh AntES Oban An Iuchar 2021 1.doc
Pasgan Fiosrachaidh CnaG Ceitean 2021 1.docx
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.