Làrach-lìn / Website HighlandCouncilComhairle na Gàidhealtachd
Tiotal Dreuchd: Còcaire 1
Àite: Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
Uairean: 15 san t-seachdain
Ùine: Permanent
Tuarastal: £6,270
San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre dhen bhann.
Feumaidh tagraichean a’ Ghàidhlig a bhruidhinn.
Tha an dreuchd seo fo-riochdaichte am measg fhireannach. Thathar a’ brosnachadh thagraidhean bho fhireannaich.
’S e dreuchd Ghàidhlig a tha seo agus feumaidh tagraichean a bhith deònach a’ Ghàidhlig ionnsachadh mura h-eil i aca mar-thà.
Neach-fiosrachaidh: Kevin Friseal, Fòn: 01349 781121
Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE. Mura h-urrainn dhuibh tagradh air-loidhne agus sibh ag iarraidh pasgan-iarrtais far-loidhne, cuiribh fios gu Taic Gnothachais – HR Hub C&L Fòn: 01349 868642 (eadar 9m & 5f Diluain gu Dihaoine) a’ toirt seachad àireamh na dreuchd gu h-àrd.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
San àbhaist, ’s ann air post-d a thèid fios a chur gu tagraichean, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil chunbhalach air ur puist-d agus air a’ phasgan sgudail.
Feumalachdan
Cuideachadh le riatanasan obrach làitheil a’ chidsin no an ionaid-bhìdh, a’ gabhail a-steach deasachadh bìdh bunaiteach, riarachadh bìdh a rèir Achd Brosnachadh Slàinte is Beathachaidh Sgoile (Alba) 2007.
Glanadh is cumail suas acfhainn is dèanamh cinnteach gu bheil i ag obrachadh ceart. Cruinneachadh, dearbhadh is bancadh airgead Chomhairle na Gàidhealtachd.
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.