Oifigear Iomairt Òigridh Ghlaschu

  • Làn-thìde / Full-time
  • Glaschu; Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
  • Posted 1 year ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £26,000 + peinsean 9%
  • Cùmhnant / Contract: 1 bliadhna
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website cnag_albaComunn na Gàidhlig

‘Se cothrom air leth a tha seo a dhol an sàs aig teis mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig – mathaid ‘san raon às cudromaiche a th’ann – am measg an òigridh; a’ cumail taic ris an ath-ghinealach de luchd-labhairt ùr.

Tha na “h-Iomairtean Ghàidhlig” air a bhith stèidhichte aig Comunn na Gàidhlig bho chionn 2009, agus tha an dreuchd a tha seo mar phàirt den sgioba cliùiteach, taiceil seo.

Tha an dreuchd a tha seo stèidhichte ann an Glaschu – ann an compàirteachas làidir le Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Chan eil an oifigeir a tha seo an sàs ann an foghlam foirmeil sgoile, ach a’ feuchainn ris an òigridh a bhrosnachadh agus a mhisneachadh anns a chànain, agus an dàimh-pearsanta a th’aca dhan Ghàidhlig a dhaingneachadh.

Tha seo ga dheànamh le measgachadh de seiseanan is cur-seachadan spòrsail is tarraingeach, gach cuid leis an oifigear fhèin gan lìbhrigeadh, neo le bhith a’ cur air dòigh feadhainn eile son seo dhèanamh agus ‘se prìomh dhleastanas an oifigear seo am prògram seo a chuir air bhonn agus a lìbhrigeadh. Bithidh e an urra ris an oifigeir ùr prògram chur-seachadan a stèidheachadh a rèir am miann is eòlas aca fhèin, ach cuideachd a rèir miann an òigridh.

Tha e riatanach gum bheil ùidh aig an neach a gheibh an dreuchd seo ann a bhith ag obair le daoine òga agus cuideachd a bhith an comas dàimh is càirdeas a thogail leotha.

Tha sinn a’ lorg cuideigin le mac-meanma, dealas dhan chànain, agus ùidh mhòr ann an obair òigridh.

‘Se dreuchd làn-ùine a tha seo, stèidhichte le CnaG, agus le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig agus Chomhairle Bhaile Ghlaschu.

Bithidh foirm tagraidh a dhìth oirnn bho gach neach aig am bheil ùidh san dreuchd. Gheibh sibh leth-bhreac den fhoirm seo bho Dhòmhnaill MhicNèill air an seoladh post-d: domhnallmacneill@cnag.org

Faodar còmhradh no-fhoirmeil a dhèanamh mun obair a tha seo, gach cuid le Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG air an seòladh post-d gu h-àrd, no leis a Cheannard-Sgoile, Gillian Campbell-Thow air headteacher@glasgowgaelic.glasgow.sch.uk

 

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Pasgan Fiosrachaidh CnaG 08 08 2022.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.