Oifigear Iomairt Òigridh – Lochan & Bun-Sgoil Steòrnabhaigh

  • Làn-thìde / Full-time
  • Leurbost, Isle of Lewis
  • Posted 8 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Cùmhnant / Contract: Bliadhna (sa chiad dol a-mach) le dòchas a' leudachadh
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website cnag_albaComunn na Gàidhlig

A' cruthachadh chothroman dhan Ghàidhlig!

‘Se cothrom air leth a tha seo a dhol an sàs aig teis mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig – mathaid ‘san raon às cudromaiche a th’ann – am measg an òigridh; a’ cumail taic ris  agus a’ brosnachadh an ath-ghinealach de luchd-labhairt ùr.

Tha na “h-Iomairtean Ghàidhlig” air a bhith stèidhichte aig Comunn na Gàidhlig bho chionn 2009, agus tha an dreuchd a tha seo mar phàirt den sgioba cliùiteach, taiceil seo.

Tha an dreuchd a tha seo stèidhichte eadar dà sgìre – sgìre nan Loch ann an Leòdhas; agus a’ frithealadh Bun-Sgoil Steòrnabhaigh. Tha an dreuchd air stèidheachadh ann an compàirteachas eadar Comunn na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Eilean, leis am maoin a’ tighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus a’ Chomhairle.  Cha bhìth an oifigeir a tha seo an sàs ann an foghlam foirmeil sgoile, ach a’ feuchainn ris an òigridh a bhrosnachadh agus a mhisneachadh anns a chànain, agus an dàimh-pearsanta a th’aca dhan Ghàidhlig a dhaingneachadh.

Tha seo ga dheànamh le measgachadh de seiseanan is cur-seachadan spòrsail is tarraingeach, gach cuid leis an oifigear fhèin gan lìbhrigeadh, no le bhith a’ lorg feadhainn eile son seo dhèanamh. ‘Se prìomh dhleastanas an oifigear seo am prògram thachartasan òigridh seo a chuir air bhonn agus a lìbhrigeadh. Bithidh e an urra ris an oifigeir ùr prògram chur-seachadan a stèidheachadh a rèir am miann is eòlas aca fhèin, ach cuideachd a rèir miann an òigridh.

Tha e riatanach gum bheil ùidh aig an neach a gheibh an dreuchd seo ann a bhith ag obair le daoine òga agus cuideachd a bhith an comas dàimh is càirdeas a thogail leotha. Tha e riatanach cuideachd gum bith an neach seo deiseil is deònach a bhith ag obair am measg an òigridh air an ceann fhèin, agus mar phàirt de sgioba nas motha gu h-ionadail agus air feadh Alba.

Tha sinn a’ lorg cuideigin le mac-meanma, dealas dhan chànain, agus ùidh mhòr ann an obair òigridh.

Bithidh foirm tagraidh a dhìth oirnn bho gach neach aig am bheil ùidh san dreuchd. Gheibh sibh leth-bhreac den fhoirm seo bho Mharina Mhoireach air an seoladh post-d: marina@cnag.org

Faodar còmhradh no-fhoirmeil a dhèanamh mun obair a tha seo, le Marina Mhoireach, Stiùiriche Leasachaidh ChnaG air 01851 701802

Le taic bho Bòrd na Gàidhlig / Funded by Bòrd na Gàidhlig

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Tuairisgeul Obrach urachadh Iuchar 2023.doc

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.