Luchd-rannsachaidh a dhìth airson Rannsachadh Ainm-àite

  • Neo-cheangailte / Freelance
  • Anywhere
  • Posted 3 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £75 gach latha
  • Cùmhnant / Contract: 10 seachdainean
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 2 latha
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website ainmeanaiteAinmean-Àite na h-Alba

An com-pàirteachas comhairleachaidh nàiseanta airson ainmean-àite

A bheil ùidh agaibh ann an ainmean-àite agus cruth na tìre?

Tha Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA), an com-pàirteachas comhairleachaidh nàiseanta airson ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig a’ lorg suas gu ceathrar luchd-rannsachaidh gus obair-raoin a dhèanamh air ainmean-àite ann an coimhearsnachdan Ghàidhlig air feadh Alba.

Tha ùidh ann an eachdraidh is ainmean-àite na sgìre agus Gàidhlig aig ìre reusanta fileanta riatanach.

Gheibhear latha trèanaidh (àm is àite ri aontachadh) agus taic leantainneach (a’ gabhail a-steach cosgaisean).

Bidh gach neach-rannsachaidh ag obair air an ceann fhèin fad 20 làithean thairis air 10 seachdainean, le uairean obrach sùbailte. Tha sinn an dùil an obair rannsachaidh a thòiseachadh ro mheadhan an Lùnastail.

Bu chòir gun tèid aig gach neach-rannsachaidh ri co-dhiù dithis neach-fiosrachaidh a lorg. Bidh dleastanasan eile a’ gabhail a-steach:

  • Comharran-clèithe OS a dhearbhadh
  • An obair rannsachaidh a chur còmhla ann an cliath-dhuilleig
  • Agallamhan a thar-sgrìobhadh

Ma tha ùidh agaibh ann, no airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn, cuiribh fios thugainn aig oifis@ainmean-àite.scot.

Cuiribh iarrtas-obrach, litir agus cunntas-beatha thugainn ro Dhihaoine 5mh den Iuchar 2019.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.