Oifigear Ealain Gàidhlig

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Anywhere
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £28,711 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach / Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 21
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha sinn a’ sireadh Oifigear Ealain Gàidhlig a thig còmhla rinn is a chuireas taic ri obair Alba Cruthachail an cois ar Plana Ro-innleachdail 10-bliadhna agus ar Plana Bhliadhnail. Bidh sibh nur pàirt dhealasach de sgioba Àite, Chom-pàirteachasan is Choimhearsnachdan agus nì sibh measadh is moladh mu shreath de thagraidhean ionmhais. Co-òrdanachadh is treòrachadh far am feumar air tachartasan, prògraman is pròiseactan buntainneach, le taic shònraichte do leasachadh nan ealan Gàidhlig, gus an coileanar am Plana Gàidhlig aig Alba Chruthachail 2017-2022.

Obraichidh an neach a gheibh an dreuchd gu dlùth, an dà chuid a-muigh is a-staigh gus a bhith a’ comharrachadh, leasachadh, lìbhrigeadh is comasachadh pròiseactan is iomairtean a chuireas ri leasachadh ro-innleachdail ealan is gnìomhachasan cruthachail na Gàidhlig.

Bidh eòlas farsaing aig an tagraiche fhreagarrach air a’ Ghàidhlig is mar a leasaichear i. Nochdaidh sibh eòlas air rianachd, stiùireadh phròiseactan is ghoireasan agus nochdaidh sibh eòlas air tairgsean a mheasadh gu mionaideach agus aithisgean is molaidhean soilleir a dheasachadh. Bidh comasan làidir conaltraidh agaibh ann am Beurla oir bidh seo riatanach san obair, a bharrachd air comas dearbhte ann an Gàidhlig.

Feumar eòlas is tuigse mu ealain is ghnìomhachasan cruthachail ann an Alba, gu h-àraidh ealain is ghnìomhachasan cruthachail Gàidhlig is Ceilteach, le comasan làidir eadar-pearsanta.

Bhiodh na leanas feumail, ach chan eil iad deatamach: eòlas air stiùireadh pròiseasan measaidh is sgrùdaidh, agus an comas com-pàirtichean a leasachadh is a stèidheachadh an dà chuid san dùthaich (a-bhos) is gu h-eadar-nàiseanta (thall), is dealas a nochdadh do ar prìomh luachan.

Cuiribh ur tagradh gu: recruitment@creativescotland.com

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.