Oifigear Ealain Ghàidhlig / Gaelic Arts Officer

  • Pàirt-ùine / Part-time
  • Stèidhichte an Dùn Èideann
  • Posted 2 weeks ago
  • Tuarastal / Salary: Tuarastal: £27,064 pro rata, a bharrachd air peinnsean agus sochairean
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: Pàirt-uine (21 uair san t-seachdain)
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum
  • November 20, 2018

Làrach-lìn / Website Alba Chruthachail

Stèidhichte an Dùn Èideann
Maireannach
Tuarastal: £27,064 pro rata, a bharrachd air peinnsean agus sochairean
Pàirt-uine (21 uair san t-seachdain)

Tha sinn a’ sireadh Oifigear Ealain Ghàidhlig airson a thighinn còmhla rinn a chumail taic ri obair Alba Chruthachail ann an co-theagsa ar Plana Roi-innleachdail 10 Bliadhna agus ar Plana Bliadhnail.

Bidh sibh nur ball gnìomhail de sgioba Ealain is Gabhaltachd agus bidh sibh a’ dèanamh measadh is molaidhean air roghain de thagraidhean maoineachaidh, co-ordanachadh agus/no a’ stiùireadh, a rèir feum, ghnìomhan iomchaidh, prògraman is pròiseactan, a’ gabhail a-steach taic shònraichte airson gnìomhan leasachaidh nan ealan Gàidhlig is airson cur an gnìomh Plana Gàidhlig Alba Chruthachail 2017-22.

Bidh an neach a shoirbhicheas ag obair gu dlùth taobh a-staigh is taobh a-muigh na buidhe gus pròiseactan is iomairtean aithneachadh, a leasachadh agus a thoirt air adhart mar dhòigh gus taic a thoirt do leasachadh ro-innleachd ealain is gnìomhachasan cruthachail na Gàidhlig.

Bidh eòlas farsaing aig an tagraiche a shoirbhicheas air a’ Ghàidhlig agus leasachadh cànain. Bidh sibh air chomas eòlas a dhearbhadh air measadh iarrtasan agus air aithisgean is molaidhean soilleir a chruthachadh.

Tha eòlas agus tuigse air na h-ealain is gnìomhachasan cruthachail ann an Alba, gu sònraichte ealain is gnìomhachasan cruthachail Gàidhlig is chànanan Ceilteach deatamach, a bharrachd air sgilean làidir eadar-phearsanta. Bhiodh fàilte air eòlas air stiùireadh phròiseasan measaidh – gun e a bhith deatamach – a bharrachd air comas air com-pàirteachadh a leasachadh agus a stèidheachadh ann an Alba is thall thairis, agus dealas a nochdadh do ar luachan bunaiteach.

Ceann-latha airson thagraidhean Meadhan-latha (12f), Dimàirt 20 Samhain 2018.

Bidh agallamhan air an cumail ann an Dùn Èideann air Dimàirt 4 Dùbhlachd 2018.

Ma thèid ur taghadh airson agallamh thathar an dùil gum bi sibh air chomas a bhith an làthair air an latha seo.

More info


Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL:

https://www.creativescotland.com →