Àrd-Oifigear (Chief Executive Officer)

  • Làn-thìde / Full-time
  • Inbhir Nis, Inverness
  • Posted 3 weeks ago
  • Tuarastal / Salary: Tuarastal co-ionann ri àrd-ìre na dreuchd, Càr companaidh, Peinnsean
  • Cùmhnant / Contract: Permanent
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Àrd-Ìre
  • December 16, 2019

An Comunn Gaidhealach

Cothrom air a’ bhuidheann a stiùireadh gu àm ùr agus brosnachall

Is e Companaidh Earranta le Barrantas agus Carthannas Albannach Clàraichte a th’ anns a’ Chomunn Ghàidhealach. ’S e adhartachadh cànan is cultar na Gàidhlig prìomh dhleastanas na buidhne.

Tha a’ phrìomh oifis stèidhichte ann an Inbhir Nis.

Prìomh Dhleastanasan

  • Ag aithris don Chathraiche agus don Bhòrd-stiùiridh, bidh uallach air an neach a tha soirbheachail airson na leanas:
  • Pròiseas de leasachadh leantainneach a stèidheachadh agus a stiùireadh airson lìbhrigeadh bliadhnail air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus 18 Mòdan Ionadail.
  • Conaltradh ri agus leasachadh èifeachdach air a’ Bhallrachd.
  • Cumail cheanglaichean ri agus a’ comharrachadh luchd-urrais ùr agus ag inntrigeadh stòran maoineachaidh bho thobraichean Poblach is Prìobhaideach.
  • Ag adhartachadh cleachdadh na Gàidhlig ann am beatha làitheil na coimhearsnachd.
  • Ag adhartachadh sgrùdadh agus leasachadh air cànan, ceòl, dràma agus litreachas na Gàidhlig a thuilleadh air na cruthan ealain eile co-cheangailte uile.
  • Gu gnìomhach a’ sireadh aithne oifigeil don Ghàidhlig agus cleachdadh air a’ Ghàidhlig mar chànan beò agus mar sho-mhaoin nàiseanta do bhuidhnean ionadail, nàiseanta is eile, le bhith a’ co-obrachadh leis na buidhnean eile uile a tha an sàs ann an leasachadh agus adhartachadh cànan is cultar na Gàidhlig.
  • A’ coileanadh mar cheannard làidir don charthannas; mar thosgaire dearbhach le com-pàirtichean bhon taobh a-muigh agus mar stiùiriche deimhinneach is mar dheagh eisimpleir do luchd-obrach is saor-thoilich.
  • Stiùireadh obair a’ bhuidhinn, riaghladh a ghoireasan, gèilleadh do riatanasan laghail, agus dèanamh cinnteach à deagh chleachdadh anns gach raon den obair.
  • Riaghladh a’ Bhuidhinn.
  • Stiùireadh Ionmhasail.
  • Ceannardas, a’ taisbeanadh stoidhle ceannardais in-ghabhalach.
  • Tagradaireachd is Leasachadh Com-pàirteachais.
  • Chan eil an liosta gu h-àrd ach mar chomharra a-mhàin agus chan eil i uile-ghabhalach. Bithear a’ sùileachadh don Àrd-Oifigear a leithid sin de dhleastanasan a bharrachd a choileanadh agus a tha gu reusanta co-rèireach ris an dreuchd.

Modh tagraidh

Bu chòir do thagraidhean ann an cruth CV gnàthaichte agus litir na chois a’ togail air do sgilean is eòlas a tha buntainneach don dreuchd, a bhith a-staigh ro mheadhan-oidhche Diluain 16 Dùbhlachd (Seòladh gu h-ìosal)

Tha Page Executive a’ gnìomhadh mar bhuidheann fastaidh a thaobh trusadh maireannach agus mar ghnothachas fastaidh a’ solarachadh luchd-obrach sealach. Is e Fastaiche Co-ionannachd Chothroman a th’ ann am Page Executive.

Seòladh:

Bill​

Guthrie
Associate Partner

Page Executive Scotland

180 West George Street,
Glasgow
G2 2NR
T: +44 141 331 7964
M: +44 790 021 4954
E: billguthrie@pageexecutive.com
W: www.pageexecutive.com

Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.