Àrd-Oifigear

  • Làn-thìde / Full-time
  • Sùbailte (le siubhal cunbhalach)
  • Posted 4 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £47,847 – £52,325 (a-rèir eòlais)
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha An Comunn Gàidhealach a’ sireadh Àrd-oifigear ùr. ’S e cothrom air leth a tha seo do neach le Gàidhlig fhileanta agus aig a bheil eòlas air obair aig àrd ìre, stiùir a ghabhail air aon de na buidhnean cultarail as cliùitiche ann an Alba.

Tha leasachadh air tighinn air obair a’ Chomuinn thar nam bliadhnaichean is tha sinn a’ lorg neach sgileil aig a bheil comas agus misneachd airson a thoirt chun na h-ath h-ìre. Tha sinn a’ sùileachadh gum bi eòlas aig an neach seo air Mòdan Nàiseanta is Mòdan Ionadail; leasachadh na Gàidhlig; agus gum bi iad math air sgioba a threòrachadh;  agus daoine a bhrosnachadh.

Bheir an t-Àrd-oifigear ceannardas lèirsinneach, bithear a’  brosnachadh fàs buidhne, a’  riaghladh cùisean maoineachaidh, agus a’  neartachadh dhàimhean thar choimhearsnachdan Gàidhlig, an riaghaltas, agus luchd-ùidh.

Tha fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha dealasach mu chànan is cultar na Gàidhlig agus aig a bheil comas ro-innleachdail gus obair a’ Chomuinn Ghàidhealaich a stiùireadh.

Faodar còmhradh neo-fhoirmeil mun obair a chumail le Seumas Greumach (Àrd-oifigeir): james@ancomunn.co.uk  neo Magaidh Choineagan (Cathraiche a’ Chomuinn Ghàidhealaich): maggie@maggiecunningham.co.uk

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Tuairisgeul Obrach 2.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.