Trèanaiche Prògramair Ealainn-chluiche Gàidhlig

  • Làn-ùine / Full-time
  • An Lanntair, Stornoway
  • Posted 7 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £15,925 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: 1 bliadhna
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Ro-ràdh

Tha An Lanntair a’ tabhann cothrom trèanaidh cruthachail Gàidhlig do neach dealasach mar phàirt den Sgioba Prògramadh nan Ealain-chluiche againn. ’S e cothrom cruth-atharrachail a bhios ann an seo do neach-labhairt na Gàidhlig eadar 20 is 24 bliadhna a dh’aois, a tha airson
ionnsachadh mu na sgilean practaigeach a dh’fheumar airson dreuchd shoirbheachail a leasachadh san raon seo dhen obair againn. Tha sinn a’ sireadh neach air ùr cheumnachadh bho chùrsa sna h-ealain no sa Ghàidhlig airson na h-obrach seo, a mhaireas airson aon bhliadhna sa chiad dol a-mach.

Fios mu An Lanntair

’S e ionad iomadh-ealain a tha anns An Lanntair – togalach a tha na ghailearaidh ealain, taighcluiche, taigh-dealbh, talla consairt, àrd-ùrlair airson bàrdachd is litreachas, stiùidio – tha a h-uile ceàrnaidh air a chur gu feum gus na h-ealain a thaisbeanadh ann an iomadh cruth. Tha ar
n-obair a’ sgaoileadh aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta, ach tha sinn sònraichte leis gum buin sinn gu mòr ris an àite sa bheil sinn stèidhichte agus tha àite cudromach aig a’ Ghàidhlig agus aig cùisean a bhuineas do dh’Innse Gall. Tha a’ ghoireas againn a’ gabhail a-steach seòmar mòr a shuidheas 220 neach, gaileiridh, oifisean, bùth, bàr agus taigh-bidhe. B’ e an togalach aon de na leasachaidhean ealain a bu mhotha a chaidh a dhèanamh air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan agus tha e cudromach aig ìre nàiseanta gu ro-innleachdail airson a bhith a’ taisbeanadh ealain agus cultar Innse Gall.

Mar a chuirear airson na h-obrach

Tha an dealbh-obrach agus mion-chomharrachadh an neach a thathar a’ sireadh airson na hobrach an cois seo. Thathar ag iarraidh air an fheadhainn a tha airson cur airson na h-obrach sùil gheur a thoirt orra agus litir a chur a-steach a’ cur airson na dreuchd, a’ mìneachadh nan
dòighean anns a bheil iadsan a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach agus miannaichte a tha sa chomharrachadh pearsa, le an Cunntas Beatha na chois agus a chur tron phost no air
post-dealain leis an foirm gu h-ìosal.

Ma tha ceistean aig tagraiche sam bith no ma tha iad airson bruidhinn mu rud sam bith mus cur iad a-steach tagradh, faodaidh iad fios a chur gu Alex Dhòmhnallach, Ceannard nan Ealan-cluiche, air 01851 708480 no alex@anlanntair.com

Seoladh:
An Lanntair, Sràid Choinnich, Steòrnabhagh, HS2 2DS

Ceann-latha airson tagraidhean 9m air Diluain 9 Giblean 2018

Nòta cudromach: Gus measadh a dhèanamh air fileantas sa Ghàidhlig, cumaidh sinn an agallamh air fad tro mheadhan na Gàidhlig. Iarraidh sinn cuideachd air a h-uile tagraiche òraid ghoirid a thoirt seachad mu neach-ealain no pròiseact ealain, tachartas no raon sa bheil ùidh aca agus ceistean a fhreagairt a chuireas am panail orra sa Ghàidhlig.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.