Co-òrdanaiche – Business Co-ordinator

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Anywhere
  • Posted 7 days ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: Bann C
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach / Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 18
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha sgioba coimiseanaidh is rianachd co-bhanntachd BBC ALBA an urra ri na thèid a choimiseanadh de phrògraman is mìrean airson clàran craolaidh sheirbheisean na co-bhanntachd, nam measg tha BBC ALBA, BBC Radio nan Gaidheal agus ùrlaran didseatach leithid iPlayer agus na meadhanan sòisealta.

Tha beàrn pàirt ùine air fosgladh anns an sgioba againn airson dreuchd Co-òrdanaiche Gnìomhachas agus tha sinn a’ sireadh neach a tha dripeil is èifeachdach mu choinneamh.  Bidh an neach seo ag obair gu dlùth ri Co-òrdanaiche Gnìomhachais eile agus le chèile gabhaidh iad os làimh rianachd agus co-ordanachadh obair an sgioba coimiseanaidh a thilleadh air a bhi a’ taiceachadh agus a’ cumail rian air leabhar latha Ceannard nan Seirbheisean Gàidhlig agus co-obraichean eile san sgioba nuair a bhios sin a dhìth.

Prìomh Dleastanasan

  • Rianachd obair coimiseanaidh:
    • Cuairtean fosgailte dà thuras sa bhliadhnaCuairtean pasgain
    • Trusadh fios ris mu atharraichidhean sam bith le pròiseactan
    • Cruthachadh aithisgean mu uairean is cosgais airson na seirbheisean gach cairteal
  • Cuir air dòigh agus a’ cumail geàrr-chunntasan choinneamhan sgioba – mar as trice gach co-la-deug.
  • Co-ordanachadh brathan fiosrachaidh airson sòlaraichean agus a’ cuir air dòigh tachartasan agus coinneamhan gu cunbhalach.
  • Cumail rian air leabhar latha Ceannard Sheirbheisean Gàidhlig agus co-obraichean eile nuair a tha feum.

An neach ceart

  • Sàr sgilean conaltraidh agus sònraichte math a bhith a’ dèiligeadh le daoine maille ri comasan togail agus stèidheachadh ceangalan agus càirdeasan obrach le farsaingeachd de chompanaidhean, agus compairtichean.
  • Comas cumail cùisean dìomhair agus a bhi a’ dèiligeadh le agus a bhi mothachail mu fhiosrachadh agus gnothaichean a tha feumach air làimhseachadh sònraichte.
  • Comas obrachadh leat fhèin agus cuideachd mar phàirt de sgioba.
  • A bhi a’ cumail dlùth aire air gnothaichean agus a bhi air leth mionaideach anns gach nì obrach.
  • Deagh chomas cumail cuisean ris an uair iomchaidh agus a bhi nad rianadair air leth tro bhi a’ breithneachadh gu èifeachdach air prìomhachasan ghnìomh gach latha agus thairis air ùine.
  • Bi tu èasgaidh ag obair air do cheann fhèin a thilleadh air a bhi sùbailte agus deiseal is deònach gabhail ri suidhichidhean eadar-dhealaichte mar a nochdas iad.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Business Coordinator.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.