Producer Director – SpeakGaelic

  • Làn-thìde / Full-time
  • Pacific Quay, Glasgow
  • Posted 2 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: Competitive
  • Cùmhnant / Contract: 5 mìosan
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha BBC Gàidhlig a’ lorg Riochdaire Stiùiriche airson sreath de phrògraman ùra a tha a’ tòiseachadh nas fhaide air adhart dhen bhliadhna. ‘S e sreath do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a th’ ann an SpeakGaelic a bhios ri fhaighinn air tbh, rèidio agus air grunn ùrlaran eile. ‘S iad sgioba a’ BhBC a bhios a’ riochdachadh nam prògraman a bhios air tbh agus air rèidio.  ‘S ann do luchd-ionnsachaidh a th’ air ùr thòiseachadh a tha a’ chiad dà shreath agus ‘s ann air na prògraman sin a bhios an neach a bhios soirbheachail ag obair.

Bidh an neach a gheibh an obair fileanta sa Ghàidhlig, cruthachail, le eòlas farsaing air a bhith a’ riochdachadh agus a’ stiùireadh phrògraman tbh.  Ag obair gu dlùth le com-pàirtichean eile, bidh thu comasach air sgioba a mhisneachadh agus air na prògraman a riochdachadh, a’ cumail ri cinn-latha agus ri buidseatan.

Feumalachdan na dreuchd

  • Feumaidh tu a bhith fileanta sa Ghàidhlig.
  • Bidh ùidh agad ann an ionnsachadh agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus bidh tuigs’ agad air modhan ionnsachaidh.
  • Bu chòir eòlas a bhith agad air a bhith os cionn sgioba agus a’ cruthachadh phrògraman tbh, a’ cumail ri cinn-latha agus ri buidseatan teann.
  • Tha eòlas agad air a bhith filmeadh le innealan de dhiofar sheòrsa agus tha e comasach dhut obair gearraidh a làimhseachadh.
  • Tha tuigs’ agus eòlas agad air mar as urrainn dha na meadhanan soisealta taic a chur ri na prògraman agad.
  • Tha eòlas agad air a bhith ag obair cuide ri buidhnean eile.
  • Tha thu a’ tuigsinn stiùireadh deasachaidh, laghail agus sàbhailteachd a’ BhBC agus mar a tha iad sin air an cur an sàs.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

producer_director.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.