Journalist- Gaelic News and Current Affairs

  • Làn-thìde / Full-time
  • Glasgow/Inverness
  • Posted 2 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: A-rèir ìrean BBC
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach / Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha BBC Naidheachdan a’tabhann naidheachdan Gàidhlig air rèidio, telebhisean, air loidhne agus na meadhanan sòisealta.

Tha BBC Naidheachdan cuideachd an-sàs ann a bhith a’ toirt seachad sgeulachdan bho air feadh na Roinn Eòrpa air prògram Eòrpa gach seachdain.

Tha duilleag BBC Naidheachdan againn air loidhne agus cunntasan air na meadhanan sòisealta.

Tha sgioba nan naidheachdan stèidhichte ann an grunn àiteachan air feadh Alba agus tha càirdeas sònraichte eadar sinn fhèin is an luchd-amharc is an luchd-èisteachd againn.

Tha sinn a’sireadh neach-obrach airson obair san sgioba-naidheachd, stèidhichte anns an oifis ann an Inbhir Nis agus Glaschu. Tha cothrom ann cuideachd do neach-aithris a bhios ag obair eadar sgiobaidhean Eòrpa agus Naidheachdan. Tha sinne airson cluinntinn bho dhaoine bhon a h-uile seòrsa àite is ceàrnaidh aig a bheil miann làidir a bhith ag obair ann an naidheachdan Gàidhlig.

Prìomh Dleastanasan

A’ rannsachadh, a’ cuir ri chèile agus ag aithris naidheachdan Gàidhlig.

A’ clàradh agus a’ gearradh ri chèile aithrisean naidheachd air rèidio, TBh agus dha na seirbheisean digiteach aig BBC Naidheachdan gu àrd ìre.

A’ leudachadh an luchd-amharc againn le bhith toirt sgeulachdan bho dhaoine nach eil cho mòr air an riochdachadh air na seirbheisean naidheachd againn gu aire an t-sluaigh.

A bhith ag obair gu h-èifeachdach mar phàirt de sgioba.

A bheil thu an neach ceart?

  • Tha ùidh mhòr agad ann an naidheachdan is cùisean làitheil.
  • Tha fìor dheagh chomasan Gàidhlig agad.
  • Tha thu cruthachail is – às dèidh trèanadh – bhiodh tu math air sgeulachdan a chuir ri chèile agus a’ lìbhrigeadh.
  • Tha thu math air a bhith ag obair mar phàirt de sgioba.
  • Tha thu deònach sgilean ùra ionnsachadh.
  • Tha ùidh agad anns na meadhanan sòisealta agus misneachail ann a bhith gan cleachdadh.
  • Tha tuigse agad air an luchd-amharc/luchd-èisteachd is mar a tha sin ag atharrachadh.
  • Tha thu misneachail gun deadh agad air sgilean craolaidh ionnsachadh gu àrd-ìre a thaobh a bhith air an aidhir – air rèidio agus telebhisean.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Journalist 1.docx

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.