Neach-rannsachaidh / Researcher

  • Làn-thìde / Full-time
  • Anywhere
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: Competitive
  • Cùmhnant / Contract: Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website BBCRnGBBC Radio nan Gàidheal

Tha sinn a’sireadh neach-obrach airson obair sgioba Radio nan Gaidheal. Tha sinne airson cluinntinn bho dhaoine bhon a h-uile seòrsa àite is ceàrnaidh aig a bheil miann làidir a bhith ag obair anns an radio Gàidhlig.

Prìomh Uallaichean

  • A’ lorg, a’ rannsachadh agus a’ leasachadh bheachdan topaigeach airson radio, air-loidhne agus na meadhanan sòisealta.
  • A’ toirt taic do phròiseactan mar a tha dhìth air riochdairean
  • A’ clàradh ‘s a’ gearradh stuth sa studio ‘s air a’ bhlàr a-muigh airson radio, air-loidhne ‘s na meadhanan sòisealta.
  • A’ cur taic ri leasachadh BBC Radio nan Gàidheal ann an diofar roinnean.

An tagraiche

  • Fileanta ann an labhairt agus sgrìobhadh sa Ghàidhlig
  • Mion-eolach agus dìoghrasach mu choimhearsnachd agus cultur na Gàidhlig
  • Ùidh mhòr agad ann an gnothaichean làitheil, na h-ealain, saoghal na meadhana agus dòigh-beatha a’ là an-diugh.
  • Eòlas farsaing agus tuigs’ agad air na meadhanan sòisealta agus comasach air stuth air an son a chruthachadh
  • Comas airson clàradh agus gearradh stuth airson radio agus na meadhanan sòisealta.
  • Rianail, math air planadh agus air cùisean a chuir air dòigh, air cumail ri cinn-là agus mionaideach nan obair.
  • Cead dràibhidh.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Researcher.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.