Oifigear-taic Conaltraidh

  • Làn-thìde / Full-time
  • Anywhere
  • Posted 5 days ago
  • Tuarastal / Salary: £24,184 – £25,709 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • November 1, 2021

Tha conaltradh èifeachdach riatanach do Bhòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ coileanadh nan amasan aige, a’ dèanamh cinnteach gun tig a’ Ghàidhlig agus cultar na Gàidhlig am feabhas ann an Alba. Thathas ag amas gum bi an t-oifigear an urra ri taic a chumail ri deagh chonaltradh taobh a-staigh na buidhne agus leis a’ mhòr-shluagh mu dheidhinn obair a’ Bhùird agus leasachadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd.

Prìomh Cinn-ùidhe

  1. Ag obair còmhla gu dlùth ri Oifigear Conaltraidh a’ Bhùird gus conaltradh taobh a-staigh agus taobh a-muigh na buidhne a chur an gnìomh bho latha gu latha.
  2. Pìosan naidheachd a sgrìobhadh a thèid a sgaoileadh dha na meadhanan agus air làrach-lìn agus meadhanan sòisealta a’ Bhùird.
  3. Dòighean cruthachail a chur an gnìomh airson conaltradh freagarrach agus tarraingeach a chumail ri diofar luchd-amhairc.
  4. Taic a chumail ris an sgioba air fad le iomairtean conaltraidh co-cheangailte ris an obair aca.

Ceann-là airson iarrtasan: 1mh Samhain ro 10m

Thèid agallamhan a chumail air-loidhne air an 8mh latha den t-Samhain.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Oifigear taice Conaltraidh12.10.2183.pdf

Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL:

https://www.gaidhlig.scot →