Rianaire

  • Làn-thìde / Full-time
  • Remote
  • Posted 9 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £25,713 – £27,735
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach / Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37.5
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Àite: Sùbailte

Tuarastal: A4 (£25,713 – £27,735)

Uairean-obrach: Làn-ùine (37.5 uair san t-seachdain)

Bidh an neach san dreuchd na p(h)rìomh bhall den sgioba sheirbheisean corporra, le uallach airson dèanamh cinnteach gun tèid seirbheis taic rianachd is riaghlaidh a lìbhrigeadh gu h-èifeachdach ann am Bòrd na Gàidhlig. Am measg dhleastanasan eile, bidh uallach oirbh airson rianachd làitheil plana trèanaidh na buidhne airson luchd-obrach agus buill a’ bhùird le taic bhon Mhanaidsear Gnìomhan.

Prìomh amasan

  • ​Dèanamh cinnteach gu bheil seirbheis taic rianachd is riaghlaidh èifeachdach air a sholarachadh airson deagh riaghladh, agus siostaman a chur an gnìomh sa bhuidhinn.
  • Dèanamh cinnteach gu bheil plana trèanaidh agus modhan-obrach na buidhne air an cumail suas agus air an ùrachadh, agus gu bheil iarrtasan trèanaidh is leasachaidh aontaichte air an làimhseachadh ann an deagh àm airson luchd-obrach agus buill a’ bhùird.

Bu chòir dhuibh tagradh a chur a-steach ro 5f Diluain 13mh An t-Samhain 2023.

Thèid agallamhan a chumail air an t-seachdain a’ toiseachadh Diluain 20mh An t-Samhain 2023. Cuir fios gu corporra@gaidhlig.scot ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth mun dreuchd.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.