Ceann Chùisean Conaltraidh is Follaiseachd

  • Làn-ùine / Full-time
  • Great Glen House, Leachkin Road, Inverness
  • Posted 3 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £46,889
  • Cùmhnant / Contract: Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37

Tha Bòrd na Gàidhlig an-diugh a’ foillseachadh shanasan airson na dreuchd, Ceann Chùisean Conaltraidh is Follaiseachd.

Bidh an neach soirbheachail a’ stiùireadh ro-innleachd conaltraidh is margaidheachd a’ Bhùird, agus a’ stiùireadh mar a thèid fear de na ceithir prìomhachasan sa Phlana Chorporra 2018-23 aig a’ Bhòrd a chur an gnìomh.

Tha am Bòrd a’ sireadh cuideigin le sàr sgilean ann an conaltradh agus margaidheachd gus am prìomhachas seo a thoirt gu buil.  A bharrachd air sin, bidh an neach soirbheachail a’ cuideachadh le bhith a’ sgaoileadh fiosrachadh air obair Bhòrd na Gàidhlig tro chonaltradh taobh a-muigh agus taobh a-staigh na buidhne.

Gheibhear tuairisgeul obrach agus foirmichean-iarrtais ‘s cothroman co-ionnanachd gu h-ìosal.

Feumar tagraidhean airson na h-obrach a chur gu corporra@gaidhlig.scot ro 5.00f, Diluain 24mh An Sultain 2018. Tha an tuarastal aig an sgèile C1, a tha a’ tòiseachadh aig £46,889.

Ma tha sibh airson barrachd ionnsachadh mun dreuchd agus bruidhinn mu deidhinn gu neo-fhoirmeil, cuiribh fios dhan Cheannard, Shona NicIllinnein aig shona@gaidhlig.scot

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.