Manaidsear na h-Oifis

  • Làn-thìde / Full-time
  • Great Glen House, Leachkin Road, Inverness
  • Posted 4 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £24,580 - £27,515 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Teirm-stèidhichte gu Dùbhlachd 2019
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Bidh an neach soirbheachail an urra ri stiùireadh èifeachdach air solar rianachd, solar clèireach agus seirbheisean taic eile do Bhòrd na Gàidhlig, a’ dèanamh cinnteach gu bheil rian air siostaman ann an dòigh iomchaidh, ìomhaigh phroifeiseanta agus èifeachdach adhartachadh tron sgioba le co-luadar aig gach ìre, mar chiad cho-cheangal bhon taobh a-muigh leis a’ Bhòrd.

’S e cùmhnant fad 5 mìosan a tha seo – 1 Lùnastal gu 31 Dùbhlachd 2019. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faicibh an tuairisgeul obrach aig bonn na duilleig.

Gus cur a-steach airson na dreuchd seo, feuch gun cuir sibh foirm-iarrtais cosnaidh agus foirm-sgrùdaidh Co-ionannachd Chothroman gu corporra@gaidhlig.scot ro 17:00 air Diciadain 17/07/2019.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.