Neach-taic Rianachd

  • Làn-thìde / Full-time
  • Great Glen House, Leachkin Road, Inverness
  • Posted 1 month ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £23,334 – £24,909 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireanach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Neach-taic Rianachd.

Tha e an urra ris an neach-dreuchd dèanamh cinnteach gum bi seirbheis taic rianachd èifeachdach air an lìbhrigeadh taobh a-staigh Bòrd na Gàidhlig.

Thathar an dùil gun coilean an neach san dreuchd seo obair no dleastanasan sam bith a tha gu
reusanta air am meas a bhith nam pàirt de dh’adhbhar na dreuchd. Tha geàrr-chunntas ann gu hìosal de na dleastanasan a tha thu buailteach a bhith coileanadh san dreuchd seo:

  1. A’ cumail taic ri manaidsear na h-oifis is an còrr den sgioba rianachd.
  2. A’ ruith siostaman rianachd ann an dòigh iomchaidh is èifeachdach.
  3. A’ dèanamh cinnteach gu bheil ullachadh siubhail agus ullachadh àite-fuirich air a dhèanamh.
  4. A’ cumail sùil air bogsaichean puist-d coitcheann agus postachd a thig a-steach don bhuidhinn agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil fiosrachadh air a chuairteachadh agus air a chlàradh mar a dh’fheumar.
  5. A’ dèanamh cinnteach gu bheil ullachadh airson coinneamhan mar bu chòir.
  6. Ag ùrachadh stòran-dàta agus liostaichean conaltraidh Bòrd na Gàidhlig air Outlook.
  7. A’ sgaoileadh clàr brathan naidheachd tro liosta sgaoilidh gach latha.
  8. A’ cur air dòigh uidheamachd na h-oifis agus a’ cur a-steach òrdughan ceannach.
  9. A’ cumail sùil air tagraidhean chosgaisean agus a’ cuideachadh le ath-rèiteachadh ionmhais.
  10.  Taic rianachd mar a tha iomchaidh a thoirt seachad don Sgioba Thabhartasan.
  11. A’ clàradh agus ag ullachadh aithisgean ràitheil air iarrtasan saorsa an fhiosrachaidh.

Bu chòir iarrtasan agus foirm sgrùdadh co-ionnanachd chothroman a chur gu corporra@gaidhlig.scot.

Ceann-là airson iarrtasan – 17:00 Dihaoine 25 Sultain 2020

Thèid agallamhan a chumail air Microsoft Teams air Diardaoin 1 Dàmhair 2020

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.