Oifigear Conaltraidh

  • Làn-thìde / Full-time
  • Great Glen House, Leachkin Road, Inverness
  • Posted 1 month ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £28,891 – £33,094 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha conaltradh èifeachdach riatanach do Bhòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ coileanadh nan amasan aige, a’ dèanamh cinnteach gun tig a’ Ghàidhlig agus cultar na Gàidhlig am feabhas ann an Alba.  Tha dreuchd Oifigear Conaltraidh na phàirt chudromach de sgioba a’ Bhùird ann a bhith a’ toirt amasan na buidhne agus amasan a’ Phlana Chànain Nàiseanta Ghàidhlig air adhart.  Thathas ag amas gum bi uallach air an oifigear airson deagh chonaltradh mu dhèidhinn obair a’ Bhùird agus mu dheidhinn leasachadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd.

Prìomh Chinn-uidhe:

  1. Ro-innleachd conaltraidh a chur an gnìomh bho latha gu latha.
  2. Iomairtean margaideachd a thoirt air adhart às leth na buidhne agus / no ann an co-bhonn le com-pàirteachan eile gus prìomhachasan a’ Phlana Chorporra a chur an gnìomh.
  3. Uallach a ghabhail gus sùil a chumail air an làrach-lìn againn agus meadhanan sòisealta a’ Bhùird a ruith agus smachd a chumail air an fhiosrachadh a th’ annta.
  4. Tachartasan poblach a chur air dòigh às leth na buidhne.
  5. Taic a chumail leis an sgioba air fad le iomairtean conaltraidh co-cheangailte ris an obair aca.

Gus cur a-steach airson na dreuchd seo, feuch gun cuir sibh foirm-iarrtais agus foirm-sgrùdaidh co-ionannachd chothroman gu corporra@gaidhlig.scot

Tuilleadh  fiosrachaidh bho:

Alasdair MacFhionghuin,

Ceann nan Seirbheisean Corporra.

Post-d: corporra@gaidhlig.scot

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.