Rianadair Gnothachais / Business Administrator

  • Làn-thìde / Full-time
  • Great Glen House, Leachkin Road, Inverness
  • Posted 2 weeks ago
  • Tuarastal / Salary: £18,391 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: 4 bliadhna
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ tabhann cothrom obrach Preantasachd aig Ìre Neach-ceuma: Rianadair Gnothachais.

Bidh an neach-dreuchd seo ag obair ann an Sgioba nan Seirbheisean Corporra, agus bidh iad, le stiùireadh bho Cheann nan Seirbheisean Corporra, a’ cuideachadh le bhith a’ stiùireadh agus a’ co-òrdanachadh gach taobh de dh’obair rianachd na buidhne, a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt taic rianachd is rùnaireachd do choinneamhan a’ Bhùird agus nan Comataidhean. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faicibh an tuairisgeul obrach gu h-ìosal.

Airson an iarrtais, thathar ag iarraidh gun cuir sibh an Cunntas-beatha agaibh thugainn le eisimpleirean a sheallas gu bheil an t-eòlas/na sgilean agaibh a choileanas na slatan-tomhais riatanach a chithear san tuairisgeul obrach. Bu chòir dhuibh an Cunntas-beatha agaibh agus foirm-sgrùdaidh co-ionannachd a chur ann am post-d gu corporra@gaidhlig.scot ro 13.00 Dihaoine 19 Iuchar 2019.

Ceann-latha agus àite airson nan agallamhan: Diardaoin 25 Iuchar 2019, Inbhir Nis

Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL:

http://www.gaidhlig.scot →