
Làrach-lìn / Website bordnagaidhligBòrd na Gàidhlig
Tha Ministearan na h-Alba a’ sireadh thagraidhean airson dreuchd Ball den Bhòrd-stiùiridh aig Bòrd na Gàidhlig
Tha sinn a’ sireadh suas ri triùir Bhall airson am Bòrd stiùiridh. Chithear na sgilean, eòlas-obrach agus feartan pearsanta a tha sinn a’ sireadh sa Phasgan Tagraidh agus ma tha sibh a’ faireachdainn gu bheil iad seo agaibh, nach cuiribh tagradh thugainn!
Tha sinn a’ sireadh triùir Bhall a bharrachd airson a’ Bhùird le eòlas air Atharrachadh Riaghlaidh; Riaghladh Corporra agus tuigse air thar-shealladh ionmhais; Sgilean Conaltraidh Corporra; Dealbhadairean Ro-innleachdail; a tha comasach air co-obrachadh; agus a tha comasach air luach eagrachaidh a chruthachadh tro dhùbhlan cuideachail.
’S e àm brosnachail agus dùbhlanach a th’ ann a bhith an sàs ann an adhartachadh na Gàidhlig ann an Alba agus gu sònraichte obair Bhòrd na Gàidhlig. ’S e cothrom dùbhlanach is luachmhor a tha seo airson triùr a thighinn còmhla ruinn:
- cuideachadh gus cleachdadh agus tuigse a chur air adhart mu dheidhinn cànan, foghlam agus cultar na Gàidhlig;
- a bhith nar prìomh chomhairlichean do Mhinistearan na h-Alba mu dheidhinn cànan, foghlam agus cultar na Gàidhlig;
- comhairle a thoirt do bhuidhnean poblach, agus buidhnean eile le dleastanas airson seirbhisean poblach a lìbhrigeadh, air mar a tha còir aca cànan, foghlam agus cultar na Gàidhlig a chleachdadh ann a bhith a’ lìbhrigeadh sheirbhisean poblach;
- taic agus stiùireadh aig àrd-ìre a thoirt don Cheannard mu leasachadh proifeiseanta leantainneach;
- càirdeas agus dàimh obrach làidir a chruthachadh le buidhnean Gàidhlig, coimhearsnachd na Gàidhlig san fharsaingeachd (coimhearsnachdan le ùidh agus coimhearsnachdan cruinn-eòlach), agus iomadh buidheann eile airson deagh cho-obrachadh a’ lìbhrigeadh amasan Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig.
’S e an ceann-latha airson tagraidhean meadhan-oidhche Dihaoine 18 Dùbhlachd 2020.
Thèid agallamhan a chumail air Diciadain 27, Diardaoin 28 agus Dihaoine 29 Faoilleach 2021.
Tòisichidh na dreuchdan bho 1 Giblean 2021.
Tuilleadh fiosrachaidh / More info
FAQs for Rounds 1.pdfBnG Members FINAL Applicant Information Pack 12 Nov 2020.pdf
BNG Member Advert Gaelic Version.pdf
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.