Cathraiche agus Ball

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Great Glen House, Leachkin Road, Inverness
  • Posted 1 month ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £13,293 p.a. (Cathraiche) / £6,388 p.a. (Ball)
  • Cùmhnant / Contract: 4 bliadhna
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 3/4 latha sa mhios

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh tagraiche fiùghantach agus tapaidh airson dreuchd a’ Chathraiche, a bheir deagh cheannas ro-innleachdail agus eòlas air riaghladh corpora; cuideigin aig a bheil fòcas soilleir a nì cinnteach gun tèid amasan na buidhne a choileanadh; aig am bi deagh dhàimhean obrach taobh a-staigh agus taobh a-muigh na buidhne, a sheallas deagh eisimpleir agus a bhios comasach a bhith nan Tosgaire airson na Gàidhlig agus airson Bòrd na Gàidhlig.

Tha sinn a’ sireadh cuideigin aig a bheil deagh thuigse mu dheidhinn feumalachdan na Gàidhlig ann an Alba an latha ’n diugh, agus a tha mothachail mu na prìomh raointean far as urrainnear adhartas a dhèanamh le Gàidhlig ann an Alba sna bliadhnaichean a tha romhainn.  A bharrachd air seo, ma tha sibh den bheachd gu bheil na sgilean agus an dealas agaibh gus na dleastanasan a th’ ann am Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig a choileanadh, chuireamaid fàilte air an tagradh agaibh.

Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ sireadh Ball a bharrachd den Bhòrd le eòlas air ionmhas, sgrùdadh agus stiùireadh ionmhasail; le ùidh ann a bhith ag obair còmhla ri daoine eile agus a bhios deònach a bhith a’ sgrùdadh na buidhne agus a’ togail cheistean air a’ bhuidheann nuair a tha seo iomchaidh.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.