Stiùiriche Foghlaim na Gàidhlig (pàirt-ùine)

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Great Glen House, Leachkin Road, Inverness
  • Posted 1 month ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £60,379 - £69,690 p.a. (pro-ràta)
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 0.3 FTE
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba ris a bheil e an urra cor na Gàidhlig a thoirt air adhart, a’ sireadh Stiùiriche Foghlaim Gàidhlig ùr. Bidh an dreuchd seo ann an co-phàirt leis a’ Mhanaidsear Foghlaim a chuireadh san dreuchd o chionn goirid.

Bidh an neach soirbheachail a’ stiùireadh poileasaidh foghlaim is ionnsachaidh a’ Bhùird, a’ comhairleachadh a’ Bhùird fhèin, an Riaghaltais agus buidhnean lìbhrigidh foghlaim is ionnsachaidh eile mar ùghdarrasan ionadail, mu amasan a’ Bhùird a thaobh leasachadh air foghlam Gàidhlig.

Tha an tuarastal air sgèile C2, a tha a’ tòiseachadh aig £60,379 (pro-ràta).

Faicibh an tuairisgeul obrach gu h-ìosal. Ma tha sibh airson barrachd ionnsachadh mun dreuchd agus bruidhinn mu deidhinn gu neo-fhoirmeil, cuiribh fios chun a’ Cheannaird, Shona NicIllinnein shona@gaidhlig.scot.

Gus cur a-steach airson na dreuchd seo, feuch gun cuir sibh foirm-iarrtais agus foirm-sgrùdaidh co-ionannachd chothroman gu corporra@gaidhlig.scot ro 5.00f, Diluain 5 An Lùnastal 2019.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.