Oifigear nam Planaichean – 6 mìosan

  • Sealach / Temporary
  • Great Glen House, Leachkin Road, Inverness
  • Posted 1 month ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £26,155 - £29,192 p.a. (pro-rata)
  • Cùmhnant / Contract: 6 mìosan
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha an cothrom obrach seo air nochdadh ann an Sgioba nam Planaichean le cùmhnant a mhaireas 6 mìosan.

Ceann-latha agus ceann-ama airson iarrtasan:

Diluain 13 Iuchar 2020, 5f

Ceann-latha agus àite airson agallamhan:

Diciadain 22 Iuchar 2020 air-loidhne

Bu chòir gun lìon sibh Foirm-iarrtais cosnaidh agus Foirm-sgrùdaidh co-ionnanachd chothroman agus a chur gu corporra@gaidhlig.scot le ‘Dìomhair’ mar chuspair ro a’ cheann-là agus uair gu h-àrd.

Prìomh ceann-uidhe
  1. Ag obair mar phàirt de Sgioba nam Planaichean Gàidhlig, agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil gach Plana Gàidhlig aontaichte a’ cur ri mar a thèid prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig a chur an sàs.
  2. A’ dèanamh cinnteach gun coilean Bòrd na Gàidhlig na dleastanasan reachdail againn fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a thaobh a bhith ag iarraidh air Ùghdarrasan Poblach Planaichean Gàidhlig ullachadh.
  3. A’ dèanamh cinnteach gun coilean Bòrd na Gàidhlig na dleastanasan reachdail againn fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a thaobh a bhith sgrùdadh mar a choileanas Ùghdarrasan Poblach na tha iad a’ gealltainn sna Planaichean Gàidhlig aca.
  4. A’ dèanamh cinnteach gu bheil Ùghdarrasan Ionadail a’ coileanadh nan dleastanasan reachdail aca fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 a thaobh a bhith ag adhartachadh foghlam na Gàidhlig.
  5. A’ gabhail uallach airson gach seòrsa obair rianachd co-cheangailte ri obair nam Planaichean.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.