Neach-taic Co-òrdanaiche

  • Neo-cheangailte / Freelance
  • Dùn Èideann (mìosail) (Remote)
  • Posted 1 month ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £960 gach mìos
  • Cùmhnant / Contract: 11 mìosan
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 12
  • Gàidhlig / Gaelic: Na bhuannachd / Desirable

Làrach-lìn / Website Bothan Dhùn Èideann

Oidhche Gàidhlig Dhùn Èideann

Tha sinn a’ sireadh Neach-taic Co-òrdanachaiche gus obrachadh còmhla ris a’ chomataidh shaor-thoileach (ach glè ghnìomhach) againn de thriùir luchd-dreuchd, an Cathraiche, an t-Ionmhasair agus an Rùnaire. Tha an dreuchd seo a’ gabhail a-steach a bhith ag obair còmhla ri àireamh shusbainteach de luchd-ealain a bharrachd air an teicneòlaiche fuaim againn, fear an taighe, agus an sgioba margaidheachd gus dèanamh cinnteach gun tèid tachartasan ciùil is cultair Ghàidhlig a lìbhrigeadh gu h-èifeachdach ann an Dùn Èideann agus gus cothrom a thoirt do Bhothan fàs agus leasachadh mar bhuidheann. .

Bidh thu mar phrìomh phuing conaltraidh airson luchd-ealain, ionadan thachartasan, teicneòlaichean fuaim agus luchd na taighe aig na tachartasan beò againn ann an 2024. Bidh thu cuideachd ag obair gu dlùth leis a’ Chathraiche, a’ cur ri planadh agus lìbhrigeadh dà thachartas le ìomhaigh nas àirde, agus a’ cuideachadh le cur air dòigh ar n-aithisgean bliadhnail agus tagraidhean.

Tha sinn ag iarraidh gum bi an tagraiche air leth eagraichte agus àrd-amasach, le comas sùil a chumail air an adhartas aca fhèin agus a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn gu fosgailte aig amannan riaghailteach, agus a bhith a’ nochdadh gu soilleir sealladh dòchasach a thaobh ionnsachadh na Gàidhlig agus cleachdadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Gheibh thu deagh thaic bhon sgioba againn agus sinn a’ feuchainn ri àrd-ùrlar a dhèanamh air ealain Ghàidhlig a tha buntainneach gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta.

Feumaidh an Co-òrdanaiche tuigse mhath air co-theacsa cruthachail is sòisio-chultarach na Gàidhlig ann an Alba agus dealas soilleir airson co-ionannachdan, iomadachd agus in-ghabhail a leasachadh fhad ’s a thathar ag adhartachadh na Gàidhlig mar an cànan dùthchasach as sine ann an Alba.

Bidh eòlas air tachartasan beò no gnìomhan buidhne measgaichte a thoirt gu buil fo chuideam ùine agus le goireasan cuingealaichte fìor fheumail. Thèid prìomhachas a thoirt do thagraichean as urrainn sealltainn gu bheil iad a’ coileanadh slatan-tomhais na h-obrach agus aig a bheil Gàidhlig fhileanta.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Co ordanaiche Gaidhlig.docx

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.