Ceannard

  • Làn-thìde / Full-time
  • Daliburgh, Isle of South Uist
  • Posted 1 month ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £46,000 - £48,000
  • Cùmhnant / Contract: Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 30 - 37.5
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website /ceolasuibhist/Ceòlas Uibhist

Cànan, cultar, ceòl, dannsa & dualchas ann an Uibhist a Deas

Tha Ceòlas a’ coimhead airson Ceannard ùir.

Ann an dlùth chompàirteachas leis a’ Bhòrd-stiùiridh, luchd-obrach, buill na coimhearsnachd, agus raon farsaing de luchd-ùidh, bidh an Ceannard ùr os cionn buileachadh na h-ath ìre de lèirsinn gnìomhachais is ro-innleachdail aig Ceòlas.  Bidh e na phàirt chudromach den dreuchd seo a bhith a’ stiùireadh comharrachadh clach-mhìle chudromach do Cheòlas – an 30mh ceann-bliadhna den chiad sgoil shamhraidh. Bidh aig a’ Cheannard ùr cuideachd a bhith a’ toirt gu buil na dàrna ìre de Chnoc Soilleir, talla-èisteachd ùr-nodha le 200 suidheachan, a bhios cruth-atharrachail do dh’Uibhist.

Feumaidh Gàidhlig a bhith aig tagraichean is cuideachd ùidh mhòr ann an cultar is dualchas na Gàidhlig agus roinn nan ealan san fharsaingeachd. Feumaidh deagh sgilean conaltraidh, stiùiridh agus ionmhasail a bhith aig tagraichean.

Ma tha sibh airson bruidhinn gu dìomhair ri Isabell NicAonghais, Cathraiche Cheòlais, mun dreuchd, nach cuir sibh post-d gu cathraiche@ceolas.co.uk.

Faodaidh sibh cuideachd fios a chur chun a’ Cheannaird làithrich againn, John Joe MacNèill, a bhiodh air leth toilichte còmhradh dìomhair a chumail ribh mun dreuchd agus na miannan a th’ aig Ceòlas airson an ama ri teachd.  Faodaidh sibh fios a chur gu John Joe air johnjoe@ceolas.co.uk neo le bhith a’ fònadh 01878790602.

Gus cur a-steach airson na dreuchd, feuch nach cuir thu a-steach do CV tàillearaichte agus litir-tagraidh gu info@ceolas.co.uk. Bu chòir don litir-tagraidh agad cunntas soilleir a thoirt air na tha thu air coileanadh, mar as iomchaidh don dreuchd, agus eòlas ceannais, a’ toirt seachad eisimpleirean sònraichte. Cha bu chòir don litir a bhith nas fhaide na 2,000 facal.

Ceann-là dùnaidh do thagraichean – Dihaoine 7 Màrt, meadhan-latha

Thèid agallamhan a chumail air an t-seachdain a’ tòiseachadh 14 Giblean, ann an Cnoc Soilleir, Uibhist a Deas. Pàighear cosgaisean siubhail.

Gheibh sibh barrachd a-mach le bhith a’ fosgladh pasgan fiosrachaidh do thagraiche.

Le taic bho Bòrd na Gàidhlig / Funded by Bòrd na Gàidhlig
Le taic bho Riaghaltas na h-Alba / Funded by the Scottish Government

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Pasgan Fiosrachaidh 2025.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.