
Làrach-lìn / Website ceolas_uibhistCeòlas Uibhist
Tha Ceòlas a’ sireadh neach-obrach dealasach aig a bheil meas air cànan agus cultar na Gàidhlig gus prògram seachdaineil de chlasaichean a lìbhrigeadh aig còig ìrean. Bidh an dreuchd a’ fàs agus a’ leudachadh an cois leasachadh Cnoc Soilleir. Tha CEÒLAS a’ lìbhrigeadh prògram Ionnsachadh Gàidhlig do dh’Inbhich, a tha air an teagasg air-loidhne aig an àm seo ach a thathar an dùil Cùrsaichean Bogaidh Cànain a theagasg aghaidh ri aghaidh nuair a cheadaichear. Tha Ceòlas ag obair ann an com-pàirteachas le Oilthighean agus Colaistean air tìr-mòr gus cùrsaichean beartachaidh cànain a lìbhrigeadh ann an Uibhist agus air-loidhne.
A’ tòiseachadh cho luath ’s a ghabhas ann an 2021 airson 18 mios anns a cheud dol a mach.
Ceann-latha dùnaidh: Dimàirt 15mh Dùbhlachd aig 5.00 Agallamhan: 18mh Dùbhlachd – aghaidh ri aghaidh no air Zoom
Tuilleadh fiosrachaidh / More info
Foirm iarrtais Cosnaidh 2020.docGaelic Education Officer job description and advert EDIT.docx
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.