Oifigear Leasachaidh Curraicealaim

  • Làn-thìde / Full-time
  • Daliburgh, Isle of South Uist
  • Posted 3 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £32,000-£35,000 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: 2 bliadhna
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35

Tha Ceòlas Uibhist a’ sireadh cuideigin a dhealbhaicheas agus a ruitheas cùrsaichean Gàidhlig ùra a tha stèidhichte ann an Uibhist.

Tiotal: Oifigear Leasachaidh Curraicealaim
Àite: Dalabrog, Uibhist a Deas
Seòrsa cùmhnant: 24 mìosan
Seòrsa obrach: Làn-ùine
Uairean: 35 uairean san t-seachdain
Tuarastal:  £32,000-£35,000
Comas ann an Gàidhlig: riatanach
Ceann-latha dùnaidh: 5f, 29mh dhen Ghiblean, 2019

Tha Ceòlas Uibhist a’ sireadh neach-obrach airson cùrsaichean ùra Gàidhlig a dhealbhachadh, a bharantachadh agus a mhargaidheachd, a tha stèidhichte ann an Uibhist agus aig am bi buntanas làidir ris a’ choimhearsnachd. Bidh an cùmhnant a’ ruith fad dà bhliadhna agus bidh an obair stèidhichte ann an Dalabrog, Uibhist a Deas.

Tha Ceòlas air a bhith a’ lìbhrigeadh chùrsaichean bogaidh a bhios a’ buntainn ri beatha Uibhist anns an latha an-diugh bho 2013, a’ cleachdadh na coimhearsnachd Uibhistich an cois an teagaisg. Am measg eile, bidh na cùrsaichean seo ag amas air Gàidhlig nàdarra, mar a thèid a cleachdadh leis a’ choimhearsnachd an Uibhist, a thoirt seachad.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.