Oifigear Cultair Ghàidhlig / Gaelic Culture Officer

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Anywhere
  • Posted 1 month ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £19,200 (£32,000 full time equivalent)
  • Cùmhnant / Contract: Permanent employment
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 0.6 days per week or equivalent – including evenings and weekends as may be required
  • Gàidhlig / Gaelic: Na bhuannachd / Desirable
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum

Tha CHARTS ri Oifigear Cultair Ghàidhlig fhastadh a chuireas ris an luchd-obrach aca a’ leudachadh. Bidh leasachadh ro-innleachdail nan seirbheisean Gàidhlig an urra ris a’ phost phàirt-ùineach seo. Tha seo a’ gabhail a-steach dealbhadh is taic ri pròiseactan agus sgeamaichean dhuaisean, a bharrachd air lìonra CHARTS a chur air adhart am measg luchd-ealain, luchd-dualchais, agus luchd-cultair na Gàidhlig.

Thathar air an dreuchd seo a dhealbhadh gus na h-amasan an lùib Plana Gàidhlig Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig a thoirt gu buil.

Gabhaidh an dreuchd ùr tionnsgalach seo airson Earra-Ghàidheal is Bòd a-steach a’ cuideachadh ri leasachadh Poileasaidh Cultair Ghàidhlig do dh’Earra-Ghàidheal is Bòd, ag obair le luchd-ùidhe, agus a’ leasachadh sreath ghoireasan tiomnaichte, tionnsgalach gus pròiseactan a chur air dòigh agus air adhart. Cuiridh an dreuchd seo ri ìre soirbheachaidh nam pròiseactan Gàidhlig gu ruige seo agus ri com-pàirteachas anns an roinn, anns an rìoghachd agus thall thairis.

Tha am post seo, do neach-labhairt fileanta Gàidhlig, ga mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig le taic bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid. Bidh an t-Oifigear Chultair Ghàidhlig ag obair gu dlùth le luchd-obrach, com-pàirtichean agus luchd-ùidhe CHARTS agus a’ cur ris an obair aig Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Airson tuairisgeul-obrach agus barrachd fiosrachaidh faic an seo
https://www.chartsargyllandisles.org/media/4467/job-description-gaelic-culture-officer-charts-gaelic.docx

Ceann-latha deireannach airson iarrtasan 10m, 30 Cèitean 2022.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.