Ceannard / Head Teacher

Làrach-lìn / Website edincounciljobsCity of Edinburgh Council
Bun-sgoil Taobh na Pàirce

’S e Bun-sgoil Taobh na Pàirce bun-sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann, a’ tabhann foghlam bun-sgoile agus sgoil-àraich ann am Baile Dhùn Èideann agus Lodainn. Dh’fhosgail an sgoil anns an Lùnasdal, 2013.

Tha ar teaghlaichean a’ tighinn bho shuidheachaidhean sòisealta is cànanach gu math farsaing. Bidh a’ mhòr-chuid de luchd-ionnsachaidh a’ tòiseachadh aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce le glè bheag de Ghàidhlig agus mar sin ’s e a’ Ghàidhlig a’ leasachadh an obair as cudromaiche bhon sgoil-àraich, a’ cleachdadh a’ mhodail bhogaidh. Tha àireamhan nan sgoilearan air a bhith a’ fàs gu cunbhalach bliadhna an dèidh bliadhna, leis an sgoil a’ leudachadh, gu sònraichte sna tràth-bhliadhnaichean. Tha 64 sgoilear clàraichte airson P1 anns an Lùnasdal 2021.

An ath sheisean tha sinn a’ planadh airson sia clasaichean deug bun-sgoile agus clas sgoil-àraich, a’ tabhann 1140 uair a thìde. Cuideachd, tha clas àrach againn mar phàirt den dealas againn a’ Bheàrn Coileanaidh a dhùnadh, air a mhaoineachadh leis a’ Mhaoin Ionmhais Sgoile againn.

Tha an ceannardas an-dràsda air a dhèanamh suas den cheannard, 2.0 leas cheannardan, dà phrìomh thidsear agus manaidsear gnìomhachais. Bidh oidean ciùil ’san sgoil gach seachdain. Tha grunn luchd-taic aig an sgoil, a’ toirt taic do fheumalachdan gach sgoilear. Tha sinn a’ faighinn tòrr taic bho Chomhairle nam Pàrant a tha a’ gabhail pàirt gnìomhach ann am beatha agus obair na sgoile. Tha mòran phàrantan agus buill coimhearsnachd againn mar shaor-thoilich. Tha an sgoil a’ leasachadh ceanglaichean làidir taobh a-staigh na coimhearsnachd agus a’ faighinn taic san obair seo bho Oifigear Leasachaidh Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig agus Oifigear Leasachaidh Corporra Ghàidhlig aig Comhairle Baile Dhùn Èideann.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.