Corporate Gaelic Development Officer

  • Làn-thìde / Full-time
  • Waverley Court 4 East Market Street, EH8 8BG
  • Posted 2 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £36,499.00 - £43,619.00 per year
  • Cùmhnant / Contract: 1 bliadhna / 1 year
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 36
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website Edinburgh_CCCity of Edinburgh Council

Tha cothrom air leth againn a bhith an sàs san adhartas mhòr a thathar a’ dèanamh ann a bhith a’ coileanadh Plana Ghàidhlig Dhùn Èideann agus a bhith a’ brosnachadh a’ chànain is a chultar sa bhaile.  Tha pàirt dhen dreuchd seo air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig, agus mairidh i bliadhna sa chiad dol-a-mach, le cothrom an dreuchd a shìneadh ma thèid maoineachadh a ghlèidheadh.  Thathar deònach beachdachadh air fo-fhastaidhean agus uairean-obrach sùbailte.

Bidh an obair seo stèidhichte ann an Cùirt Waverley agus ’s e dreuchd shònraichte is fharsaing a th’ ann, a fhreagradh air neach a tha: cleachdte ri bhith a’ co-obrachadh le compàirtichean is luchd-ùidhe; eòlach air a bhith a’ leasachadh ro-innleachd agus ga chur an gnìomh; comasach air dàimhean èifeachdach a dhèanamh; agus a’ faicinn chothroman airson a’ Ghàidhlig a thoirt beò air feadh a’ bhaile.

Bidh ceum agaibh (no eòlas co-ionnan), le eòlas agus tuigse air cultar na Gàidhlig.  Bidh comasan cànain Ghàidhlig agaibh agus miann an leasachadh, le taic ri fhaighinn ma tha sin a dhìth.

Gheibhear deagh pheinnseann agus tuarastal co-fharpaiseil san obair seo.  Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn na Comhairle agus nam buannachdan obrach againn sna ceanglaichean seo.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.