Oifigear Leasachaidh – Comann nam Pàrant

  • Làn-thìde / Full-time
  • Anywhere
  • Posted 3 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £24,500
  • Cùmhnant / Contract: Bliadhna (sa chiad dol a-mach)
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website cnag_albaComann nam Pàrant / Comunn na Gàidhlig

Tha Comann nam Pàrant a’ lorg oifigear leasachaidh a bhios ag obair le teaghlaichean mar pàirt de plana ath-shlànachadh, le fòcas air clann is seirbheisean anns na tràth ìrean.

’S e dreuchd nàiseanta a th’ann ach le focas laidir air leasachaidhean ann an taobh an Iar den duthaich (sgìrean faisg air Glaschu agus Earra-Ghàidheal). Ge-tà, leis gum bi tòrr den obair aig astar, cuiridh sinn fàilte air iarrtas bho daoine stèidheichte ann an àite sam bith ann an Alba.

Tha sinn a’ lorg daoine a tha dealasach dhan Ghàidhlig, agus aig a bheil ùidh ann a bhith ag obair le chlann fo aois sgoile agus teaghlaichean le chlann òga.

Tha sinn sùbailte a thaobh pàtran obrach agus bi sinn deònach cuideachd coimhead ri iarrtasan bho dhaoine a tha sireadh dreuchd pàirt-ùine, no aon de na dreuchdan a’ roinn còmhla ri cuideigin eile.

‘S e dreuchd làn ùine a tha seo, stèidhichte le Comunn na Gàidhlig/Comann nam Pàrant, le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig.

Tha an dreuchd seo a’ leantainn airson bliadhna a-mhàin sa chiad dol a-mach, ach a rèir soirbheachas am pròiseact bhitheadh dòchas againn gun gabhadh sin an sìneadh a-mach.

Tha na dreuchd seo aig tuarastal £24,500  (Tha peinsean de 9% ann, air muin an tuarastal a thèid aontachadh).

Tha sinn ro-dheònach conaltradh no-fhoirmeil a chumail le duine sam bith aig am bheil ùidh anns an dreuchd seo.

Bithidh foirm tagraidh a dhìth oirnn, agus airson leth-bhreac den fhoirm fhaighinn cuireabh fios gu Màiri NicDhòmhnaill air mairit@cnag.org

Airson conaltradh no-fhoirmeil ro làimh, cuireabh fios gu Magaidh Wentworth air magaidh@cnag.org

Feumar tagraidhean a chuir thugainn ro 5f Dihaoine 13mh Lùnastal aig a char às fhaide.

Tha dùil againn agallamhan a chumail uaireigin air an t-seachdainn a’ tòiseachadh 16mh Lùnastal – ach faodar ìnnse dhuinn ro làimh nam bitheadh na thrioblaid dhuibh.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Tuairisgeul Obrach Oifigear CnP Iuchar 2021.doc

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.