Còcaire

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh, Struan Road, Portee, IV51 9EG
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £6,270 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach / Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 15
  • Gàidhlig / Gaelic: Na bhuannachd / Desirable

Làrach-lìn / Website HighlandCouncilComhairle na Gàidhealtachd

Tiotal Dreuchd: Còcaire 1
Àite: Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
Uairean: 15 san t-seachdain
Ùine: Permanent
Tuarastal: £6,270

San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre dhen bhann.

Feumaidh tagraichean a’ Ghàidhlig a bhruidhinn.

Tha an dreuchd seo fo-riochdaichte am measg fhireannach. Thathar a’ brosnachadh thagraidhean bho fhireannaich.

’S e dreuchd Ghàidhlig a tha seo agus feumaidh tagraichean a bhith deònach a’ Ghàidhlig ionnsachadh mura h-eil i aca mar-thà.

Neach-fiosrachaidh: Kevin Friseal, Fòn: 01349 781121

Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE. Mura h-urrainn dhuibh tagradh air-loidhne agus sibh ag iarraidh pasgan-iarrtais far-loidhne, cuiribh fios gu Taic Gnothachais – HR Hub C&L Fòn: 01349 868642 (eadar 9m & 5f Diluain gu Dihaoine) a’ toirt seachad àireamh na dreuchd gu h-àrd.

Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.

San àbhaist, ’s ann air post-d a thèid fios a chur gu tagraichean, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil chunbhalach air ur puist-d agus air a’ phasgan sgudail.

Feumalachdan

Cuideachadh le riatanasan obrach làitheil a’ chidsin no an ionaid-bhìdh, a’ gabhail a-steach deasachadh bìdh bunaiteach, riarachadh bìdh a rèir Achd Brosnachadh Slàinte is Beathachaidh Sgoile (Alba) 2007.

Glanadh is cumail suas acfhainn is dèanamh cinnteach gu bheil i ag obrachadh ceart. Cruinneachadh, dearbhadh is bancadh airgead Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Job Description.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.