Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean (Gàidhlig)

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh, Struan Road, Portee, IV51 9EG
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £8,444 - £9,483 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Fixed term to June 2022
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 17.5
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website HighlandCouncilComhairle na Gàidhealtachd
Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Tiotal Dreuchd: Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean (Gàidhlig)
Àite:                     Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
Uairean:             17.5 san t-seachdain
Ùine:
Tuarastal:          HC0435 £8,444 – £9,483 (Gun teisteanas)
HC0535 £9,644 – £10,851 (Le teisteanas)

San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre den bhann.

Tha tagraidhean bho luchd-labhairt na Gàidhlig riatanach.

Tha an dreuchd seo fo-riochdaichte am measg fhireannach. Thathar a’ brosnachadh thagraidhean bho fhireannaich.

Neach Fiosrachaidh: Flòraidh Guidi, Fòn: 01478 614770

Adhbhar Dreuchd: Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a’ lìbhrigeadh seirbheis thràth-ionnsachaidh agus chùraim-chloinne a tha sùbailte agus àrd-inbhe agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga agus an teaghlaichean.

Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE.

Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.

Feumalachdan

Bu chòir dhaibhsan a tha air am fastadh mar Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – le teisteanas a bhith a’ cumail teisteanas aithnichte ann an Cùram-chloinne agus Foghlam. (Mar eisimpleir HNC/NNEB/SVQ 3) agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0535.

Bidh e mar riatanas air Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – gun teisteanas obrachadh gu ruige aon de na duaisean gu h-àrd taobh a-staigh raon-ama aontaichte agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0435.

Feumaidh an Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean a bhith clàraichte le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) no aontachadh cur a-steach chun an CSSA gus clàrachadh mar neach-cleachdaidh.  Às dèidh an dreuchd a ghabhail, bu chòir dhan Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean clàrachadh taobh a-staigh 6 mìosan bho bhith a’ gabhail na h-obrach no gus an tèid an clàrachadh a dhearbhadh, ge brith dè as giorra.

Bhiodh teisteanasan ann an Làimhseachadh Bìdh agus Ciad Chobhair nam buannachdan.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.