Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean (Gàidhlig)

  • Làn-thìde / Full-time
  • Plockton Primary School, Innes Street, Plockton, IV52 8TW
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £15,441 - £19,843 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach / Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 32
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website HighlandCouncilComhairle na Gàidhealtachd
Bun-Sgoil a’ Phluic

Tiotal Dreuchd: Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean (Gàidhlig)
Àite:                  Bun-Sgoil a’ Phluic
Uairean:            32 san t-seachdain
Ùine:
Tuarastal:         HC0435 £15,441 – £17,340 (Gun teisteanas)  HC0535 £17,635 – £19,843 (Le teisteanas)

San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre den bhann.

Feumaidh tagraichean a’ Ghàidhlig a bhruidhinn.

Tha an dreuchd seo fo-riochdaichte am measg fhireannach. Thathar a’ brosnachadh thagraidhean bho fhireannaich.

Neach Fiosrachaidh: Melanie Sinclair, Fòn: 01599 544346

Adhbhar Dreuchd: Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a’ lìbhrigeadh seirbheis tràth-ionnsachaidh agus cùraim-chloinne a tha sùbailte agus àrd-inbhe agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga agus an teaghlaichean.

Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE.

Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.

Feumalachdan

Bu chòir dhaibhsan a tha air am fastadh mar Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – le teisteanas a bhith a’ cumail teisteanas aithnichte ann an Cùram-chloinne agus Foghlam. (Mar eisimpleir HNC/NNEB/SVQ 3) agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0535.

Bidh e mar riatanas air Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – gun teisteanas obrachadh gu ruige aon de na duaisean gu h-àrd taobh a-staigh raon-ama aontaichte agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0435.

Feumaidh an Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean a bhith clàraichte le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) no aontachadh cur a-steach chun an CSSA gus clàrachadh mar neach-cleachdaidh.  Às dèidh an dreuchd a ghabhail, bu chòir dhan Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean clàrachadh taobh a-staigh 6 mìosan bho bhith a’ gabhail na h-obrach no gus an tèid an clàrachadh a dhearbhadh, ge brith dè as giorra.

Bhiodh teisteanasan ann an Làimhseachadh Bìdh agus Ciad Chobhair nam buannachdan.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.