Support for Learning Assistant, Peripatetic

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Isle of Barra
  • Posted 2 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £6,704 - £7,060 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach / Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 13.5

Làrach-lìn / Website cne_siarComhairle nan Eilean Siar

Ga sireadh airson 13.5 uair a thìde gach seachdain (tro teirm sgoile), air bunait seasmhach, tha an dreuchd seo a’ cumail taic ri sgoiltean/ro-sgoile agus suidhichidhean foghlaim eile do chlann agus daoin’ òga le feuman taic a bharrachd (ASN) agus ann an clasaichean FMG.

Tha dleastanasan a gabhail a-steach: obair ann an clasaichean mòr-chuid, a’ cuideachadh an neach-teagaisg le taic do sgoilearan fa leth no buidhnean de sgoilearan le obair clas agus cothrom fhaighinn air a’ churraicealam; sùil a chumail air clann aig amannan-cluiche agus aig amannan bidhe; a’ cuideachadh le clann agus daoin’ òga aig a bheil duilgheadasan giùlain.

Bu chòir gum biodh Teisteanas Ìre Nàiseanta 4/ Ìre Choitcheann 4 no co-ionnan agaibh agus/no dearbhadh gu bheil tuigsinn agaibh air Beurla, Gàidhlig agus Àireamhachd.

Feumaidh eòlas a bhith agaibh air obair le clann ann an suidheachadh cùraim agus taic, mar phàrant no ann suidheachadh saor-thoileach no proifeasanta; tuigse a bhith agaibh air feumalachdan bunaiteach chloinne; comas co-obrachaidh le daoin’ eile agus gu h-èifeachdach mar phàirt de sgioba; a bhith foighidneach agus subailte, fosgailte agus cùramach nur dòigh.

Tha fileantachd sa Ghàidhlig riatanach.

Tha tuarastal na dreuchda a gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid an dreuchd a shuidheachadh aig a’ chiad puing a rèir rang.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.