Play Leader Gaelic

  • Làn-thìde / Full-time
  • Laxdale Primary School, Laxdale, Isle of Lewis, HS2 0DY
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £20,469 - £22,821 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach / Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 32.5
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website cne_siarComhairle nan Eilean Siar
Sgoil Àraich Lacasdail

Thatar a’ sireadh neach airson 32.5 uair san t-seachdain, tro theirm na sgoile a bhios ag ullachadh agus a’ stiùireadh curraicealam, tro mheadhan na Gàidhlig, a’ cumail taic agus stiùireadh ri ionnsachadh agus fàs na cloinne. Bidh sibh a dealbh agus ag ullachadh seiseanan cluiche, tro mheadhan na Gàidhlig, a’ gabhail cunntas air feuman gach pàiste. Bidh uallach oirbh airson dèiligeadh ri obair a’ Mhanaidseir mar a bhios riatanach.

Feumaidh comas labhairt agus leughaidh ann an Gàidhlig a bhith agaibh.

Feumaidh fianais a bhith agaibh air eòlas obrach cùram chloinne le clann òga agus an teaghlaichean ann an suidheachadh tràth bhliadhnachan agus teisteanas a tha a coileanadh feumalachdan Comhairle Seirbheisean Sòisealachd na h-Alba airson Luchd-obrach.

Tha tuarastal na h-obrach a’ gabhail a-steach Cuibhreann nan Eilean. Bidh suidheachadh chun dreuchd air a’ chiad puing den rang, le àrdachadh bhliadhnail às dèidh sin.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Playleader Gaelic Lewis.docx

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.