Neach-taic Cruinneachaidhean Gàidhlig / Gaelic Collections Assistant

Làrach-lìn / Website MuseumnanEileanComhairle nan Eilean Siar

Tha dreuchd Neach-taic Cruinneachaidhean Gàidhlig maoinichte le Bòrd na Gàidhlig agus bidh an neach a gheibh an dreuchd ag obair air pròiseact gu tar-sgrìobhadh ar cruinneachadh de chlàran fuaim Gàidhlig.  Bidh dleastanas oirbh cuideachd gu susbaint Gàidhlig a chur ri chèile agus eadar-theangachadh airson làrach-lìn ùr.  `S e amas a’ phròiseict gum bi barrachd cothrom air na cruinneachaidhean Ghàidhlig agus leasachadh a thoirt air co-chonaltradh le luchd-èisteachd gnàthaichte agus tàladh an tuilleadh.  Bidh an làrach-lìn a toirt tuilleadh cothrom air na cruinneachaidhean agus a’ togail an inbhe còmhla ri na seirbheisean uile air an lìbhrigeadh le Sgioba Dualchais.

Bidh an neach soirbheachail foghlamaichte gu ìre HND ann an Gàidhlig le comas leughaidh, sgrìobhaidh agus labhairt ann an Gàidhlig fileanta gu àrd-ìre.  Tha e deatamach gum bi eòlas math aca air eadar-theangachadh bho Ghàidhlig gu Beurla agus an caochladh.  Feumar cuideachd tuigse farsaing a bhith aca air obair Museum agus Tasglannan còmhla ri sàr sgilean labhairt, conaltraidh agus eadar-phearsanta. Tha e deatamach gum bi iad comasach obrachadh air an ceann fhèin agus mar phàirt de sgioba bheag.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Gaelic Collections Assistant.docx

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.