Làrach-lìn / Website cne_siarComhairle nan Eilean Siar
Ann an co-bhonn le Bòrd na Gàidhlig, tha Comhairle nan Eilean Siar a’ tabhann cothrom do dh’oileanaich le sgilean Gàidhlig a bhith a’ cosnadh airson deich seachdainean as t-Samhradh 2024 aig buidhnean a tha a’ cleachdadh Gàidhlig mar mheadhan obrach gu làitheil.
Faodaidh na deich seachdainean a ruith aig àm sam bith thairis air an t-samhradh, ach feumaidh a’ ghreis gnìomhachais a bhith deiseil ro Dhihaoine 30mh Lùnastal, 2024.
Tha an Sgeama seo air a bhith a’ ruith airson iomadh bliadhna, ’s e air a bhith air leth soirbheachail ann a bhith a’ toirt cothrom dha oileanaich an sgilean Gàidhlig a leasachadh, agus eòlas a thoirt dhaibh air a bhith ag obair ann an àite-obrach proifeiseanta. Bho thaobh nam buidhnean, tha an Sgeama a’ toirt cothrom dhaibh oileanaich fhastadh gus obair air pròiseactan sònraichte a dhèanamh, obair ’s dòcha nach tachradh gun taic nan oileanach.
Fiosrachadh mun Sgeama:
- Bidh oileanaich ag obair aig buidhnean sna h-Eileanan Siar a bhios a’ cleachdadh Gàidhlig san àite-obrach a h-uile latha.
- Feumaich oileanaich a bhith ann am foghlam aig ìre adhartach, (ann an oilthigh no colaiste).
- Feumaidh comas labhairt, leughadh agus sgrìobhadh Gàidhlig gu ìre air choreigin a bhith aig oileanaich.
- Feumaidh oileanaich a bhith an dùil tilleadh gu foghlam adhartach as t-Fhoghar 2024.
- Feumaidh na buidhnean-fastaidh cothroman bogaidh dhà-rìribh a thoirt seachad do oileanaich gus na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh fad na greis-gnìomhachais.
- Bidh na h-oileanaich ag obair airson 10 seachdainean, agus faodar a’ ghreis gnìomhachais a thòiseachadh aig àm sam bith, ach feumaidh i a bhith deiseil ro Dhihaoine 30mh Lùnastal 2024.
- Feumaidh na buidhnean-fastaidh an Tuarastal Bith-beò a phàigheadh do na h-oileanaich (£12.00 gach uair) airson nan deich seachdainean;
- Feumaidh na h-oileanaich a bhith ag obair airson, co-dhiù, 30 uairean a thìde gach seachdain na greis gnìomhachais;
- Aig deireadh nan 10 seachdainean, pàighidh a’ Chomhairle 50% de chosgaisean gu lèir nan oileanach do na buidhnean-fastaidh, gu £1,800 aig a’ char as motha.
Son a’ chiad uair, bidh duais de £200.00 ann airson an oileanaich a sgrìobhas am pìos de 1,500 facal sa Ghàidhlig as fheàrr mun àm aca air a’ ghreis gnìomhachais, agus mu cho cudromach ’s a tha Gàidhlig dhaibh.
Ma ’s e ’s gur e oileanach a th’ annad le sgilean Gàidhlig, a bhios sna h-Eileanan Siar fad an t-Samhraidh 2024, agus a tha airson iarrtas a chur a-steach don Sgeama, an lìon thu a-steach am foirm-iarrtais sa cheangal gu h-ìosal, agus cuir air ais e gu: Donald.Weir@cne-siar.gov.uk
’S e Diluain 15mh Giblean, 2024 an ceann-latha airson iarrtasan nan oileanach a bhith a-staigh.
Ma ’s e ’s gur e buidheann a th’ annaibh a bhios a’ cleachdadh Gàidhlig san àite-obrach, agus tha sibh airson oileanach/oileanaich fhastadh thairis air Samhradh 2024, cuiribh fios do Dhòmhnaill Weir aig Donald.Weir@cne-siar.gov.uk airson ur ùidh san Sgeama a chlàradh, agus airson barrachd fiosrachaidh mhionaidich mun phròiseas fhaighinn.
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.