Stiùiriche

  • Làn-ùine / Full-time
  • Glaschu
  • Posted 3 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £45,023 - £53,783
  • Cùmhnant / Contract: Làn-ùine
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum

Làrach-lìn / Website LeughLeabharComhairle nan Leabhraichean

Am Prìomh Bhuidheann airson Litreachas Gàidhlig na h-Alba

(Air ath-sanasachd)

Tha Comhairle nan Leabhraichean, am prìomh bhuidheann litreachais an Alba a tha a’ cumail taic ri sgrìobhadairean agus foillsichearan sa Ghàidhlig, a’ sireadh Stiùiriche ùr airson na buidhne. Ma tha sibh airson buaidh agus piseach a thoirt air litreachas na Gàidhlig an-diugh agus san àm ri teachd tha sinn airson cluinntinn bhuaibh.

Tha sinn a’ coimhead airson Stiùiriche dàna le lèirsinn shònraichte a thaobh ro-innleachd foillseachaidh agus sgrìobhadh Gàidhlig thairis air na bliadhnachan ri teachd; Stiùiriche a bhios nan tosgaire làidir airson Comhairle nan Leabhraichean agus litreachas na Gàidhlig.

Bho chaidh a’ Comhairle a chur air chois bho chionn 50 bliadhna tha an àireamh agus am farsaingeachd de leabhraichean a tha rim faighinn ann an Gàidhlig air leudachadh gu mòr.  Bithear a’ sùileachadh gun cuir an Stiùiriche ris an t-soirbheachadh sin agus gun neartaich e/i na cothroman do sgrìobhadairean Gàidhlig anns gach raon de litreachas ann an Alba.

A thuilleadh air ùidh ann an leabhraichean Gàidhlig feumaidh tagraichean a bhith eòlach air saoghal na Gàidhlig san fharsaingeachd, a bhith eòlach air rianachd agus air a bhith air ceann sgioba. Bu chòir dhaibh a bhith eòlach air co-obrachadh le buidhnean ann an raointean foillseachaidh agus anns na h-ealain. Tha Comhairle nan Leabhraichean air a maoineachadh le Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig agus bhiodh e feumail eòlas a bhith aig tagraichean air iarrtasan maoineachaidh ullachadh.

Tha Gàidhlig riatanach airson na h-obrach seo agus feumaidh sgilean cànain thagraichean, ann an sgrìobhadh agus labhairt na Gàidhlig, a bhith aig ìre àrd. ’S i obair chudromach a tha seo a thaobh cleachdadh agus brosnachadh na Gàidhlig agus tha sinn a’ cur taic ri amasan Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig na h-Alba.

Ma tha sibh den bheachd gu bheil na sgilean agaibh a bhith nar ceannard air a’ phrìomh bhuidheann an Alba a tha a’ cumail taic ri sgrìobhadairean agus foillsichearan sa Ghàidhlig cuiribh fios thugainn.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.