Ball Bòrd-Stiùiridh

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Anywhere
  • Posted 5 hours ago
  • Tuarastal / Salary: Obair Saoir-thoileach
  • Cùmhnant / Contract: 3 bliadhna gach teirm.
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • May 22, 2026

Làrach-lìn / Website /comunnnagaidhlig/Comunn na Gàidhlig

Obair leasachaidh òigridh aig ìre coimhearsnachd

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) air a bhith an teis mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig bho chionn deichean de bhliadhnachan. ‘San là a th’ann le fòcas sònraichte air obair òigridh taobh a-muigh na sgoile agus anns a choimhearsnachd.

Tha sinn an dràsta a’ sireadh Buill ùr airson Bòrd Stiùiridh a’ Chompanaidh.

Air sgàth’s an obair againn leis an òigridh chuireadh sinn fàilte shònraichte air tagraidhean bho fheadhainn nas òige (eadar 18 agus 35 bliadhna a dh’aois) agus bho bhoireannaich (gus am bidh am Bòrd Stiùiridh cothromach a rèir gnè).

‘Se cothrom a tha seo do dhaoine le ùidh ann an leasachadh na Gàidhlig, agus gu h-àraid am measg an òigridh, an taic a chuir ri aon de na buidhnean às fhaide-stèidhichte ann an saoghal leasachaidh na Gàidhlig – agus leis a sin, dhan obair leasachaidh fhèin.

An luib ChnaG tha luchd-obrach a’ chompanaidh fhèin, agus sgiobaidhean Chomann nam Pàrant, agus Spòrs Gàidhlig. Tha a mhòr chuid den obair againn air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig.

Tha CnaG stèidhichte bho lagh chompanaidhean, agus clàraichte le ‘Companies House’; thathas cuideachd clàraichte mar bhuidheann-carthannach le OSCR  (oifis rìaghlaidh nam buidhnean cathrannachd ann an Alba). Bhiodh na Buill ùr le inbhe mar Stiùirichean a Chompanaidh, agus mar Urrasaran a Bhuidheann Chathrannach.

Mar às trice bidh Buill air a Bhòrd Stiùiridh airson teirm trì bliadhna, le amas an dàrna teirm a dheànamh às deidh siud. An dràsta tha sinn a’ sireadh tagraidhean mu choinneamh trì àitean air a Bhòrd Stiùiridh.

‘Se dreuchdan saoir-thoileach a tha seo, ged a tha cosgaisean gam pàigheadh mu choinneamh làthaireachd aig coinneamhan a’ Bhùird.

‘Sa chumantas, bidh ceithir choinneamhan againn sa bhliadhna. Tha sinn ag amas air a bhith cruinn-còmhla airson co-dhiù aonan dhiubh siud (ann an Glaschu no Inbhir Nis) le trì eile a’ gabhail àite ‘air loidhne’ tro leithid TEAMS.

Bithidh na coinneamhan seo, agus na paipearan a thig nan cois, a’ leantainn anns a Ghàidhlig.

A thuilleadh air na feumalachdan gu h-àrd (gum biodh fàilte sònraichte air tagraidhean bho dhaoine nas òige, agus bho bhoireannaich) bhiodh sinn cuideachd airson cluinntinn bho feadhainn le eòlas mar leanas:

·       Eòlas air obair leasachaidh na Gàighlig agus comasan freagarrach sa chànan;

·       Eòlas ann an obair òigridh (mathaid an luib foghlam, no anns a choimhearsnachd);

·       Eòlas air choreigin ann an obair-stiùiridh (buidheann no pròiseact);

·       Eòlas no comas ann an gnothachan riaghlaidh (cunntasachd, sgioba msaa)

Ma tha ùidh sam bith agaibh anns na dreuchdan seo dh’iarradh sinn gun cuireadh sibh post-dealan gu Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG air seòladh post-d domhnallmacneill@cnag.org no le fòn chun an oifis air 01463 234138. Bìdh foirm-tagraidh ri lìonadh is gheibhear seo bho Mhgr MhicNèill.

 

Upload your CV, application form or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.