Oifigear Didsiteach (Òigridh agus conaltradh)

Làrach-lìn / Website cnag_AlbaComunn na Gàidhlig

Oifigear Didsiteach (òigridh 's conaltradh)

Tha Comunn na Gàidhlig air dreuchd ùr a stèidheachadh airson an obair leasachaidh òigridh aca san raon-didsiteach a leasachadh is a thoirt air adhart.

Tha sinn a’ lorg chudeigin le sàr-chomasan sa Ghàidhlig, agus sàr-chomasan conaltraidh – gach cuid didsiteach agus eadar-pearsanta.

Bithidh fòcas làidir aig an dreuchd a bhith a’ cleachdadh teicneòlas didsiteach agus na meadhanan sòisealta airson an òigridh a bhrosnachadh is am misneachadh sa Ghàidhlig – gus a bhith ga cleachdadh barrachd, gach cuid air-loighne agus anns a choimhearsnachd.

‘Se cothrom a tha seo do neach èasgaidh is misneachail a dhol an sàs le sgioba dìcheallach is cliùiteach ChnaG agus na h-Iomairtean Ghàidhlig

Tha an dreuchd a tha seo air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig.

Ma tha ùidh agaibh san dreuchd, tha an tuilleadh fiosrachadh ri fhaighinn anns am foirm a tha ri ligeil a-nuas an seo, le fios na chois mar a gheibh sibh cothrom-còmhraidh leinn.

Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.