Luchd-trèanaidh (x2) – Prògram Trèanaidh Spòrs Gàidhlig

  • Full Time
  • An Aghaidh Mhòr
  • Posted 5 months ago
  • Applications have closed
  • Salary: £22,515 p.a.
  • Contract: 12 mìosan
  • Hours per week: 35
  • Education level needed: None specified

Website cnag_Alba Comunn na Gàidhlig

Obair òigridh

Prògram Trèanaidh Spòrs Gàidhlig – Loidse a’ Ghlinne Mhòire
(Tuarastal £22,515 le àite-fuirich. Cumhnant airson bliadhna le cothrom sìneadh)

Ceann-latha airson tagraidhean: 1200, 18 Lùnastal.

Agallamhan: 22 Lùnastal (Loidse a’ Ghlinne Mhòire.

Ceann-latha toiseachaidh: 18 Sultain no nas tràithe.

Tha Spòrs Gàidhlig a’ sireadh dithis luchd-trèanaidh airson prògram trèanaidh Spòrs Gàidhlig. Thathas a’ lorg luchd-obrach a tha fileanta sa Ghàidhlig, ùidh mhòr aca ann an cur-seachadan, gu sònraichte obair òigridh, comasach air càirdeas a thogail leis an òigridh, comasach air leasachadh pearsanta agus deiseal airson dùbhlan.

Ann an com-pàirteachas le Loidse a’ Ghlinne Mhòire, bidh an luchd-obrach seo a’ dol tro phrògram trèanaidh, a’ cosnadh theisteanasan agus a’ leasachadh an cuid eòlais gus a bhith nam pàirt de sgioba Spòrs Gàidhlig agus a’ lìbhrigeadh chur-seachadan do sgoiltean agus don òigridh.

‘S e amas nan dreuchd seo, sgioba luchd-stiùiridh a chruthachadh a bhios ag obair do Spòrs Gàidhlig agus prògramannan, cur-seachadan agus cothroman a thabhann air sgoiltean agus òigridh.

Sa chiad dol a-mach, ‘s e cùmhnant stèidhte airson bliadhna a bhios an seo ach, bidh cothrom aig cuid ghluasad gu neach-stiùiridh Spòrs Gàidhlig. Bu chòir dhuibh na trì pàipearan air an duilleag seo a leughadh agus am foirm-iarrtais a thilleadh do domhnallmorris@cnag.org

Feumaidh iarrtasan a bhith againn ro 12.00 feasgair, 18 Lùnastal.

Tha an dreuchd seo air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, LEADER a’ Mhonaidh Ruaidh, Riaghaltas na h-Alba agus an t-Urras AMW.

‘S e companaidh earranta le inbhe charthannais a th’ ann an CnaG, àireamh charthannais SC007167.

Tha tagraichean dùinte airson an obair seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson obraichean ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.