Manaidsear+Oifigear Tràth ìrean

  • Làn-thìde / Full-time
  • Na h-Eileanan an Iar; Earr-Ghàidheal; 'Deas'
  • Posted 2 weeks ago
  • Tuarastal / Salary: 29,500
  • Cùmhnant / Contract: Bliadhna (sa chiad dol a-mach)
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35 - le pàtran sùbailte
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • June 25, 2021

Làrach-lìn / Website cnag_albaComunn na Gàidhlig / Comann nam Pàrant

Tha Comann nam Pàrant/Comunn na Gàidhlig a’ lorg triùir oifigearan leasachaidh a bhios an sàs ann am pìleat seirbheis taic tràth-ìrean.

Bi aon den na dreuchdan seo a’ gabhail a-steach uallaichean mhanaidsear a thuilleadh air obair oifigear sgìreil. Ma tha uidh agaibh anns an dreuchd manaidsear faodaidh sibh sin innis dhuinn nuair a tha sibh a’ cuir a dh’iarraidh am foirm tagraidh.

Bi am pìleat a’ ruith anns na sgìrean a leanas: Na h-Eileanan an Iar, Earra-Ghàidheal is taobh Deas Alba.

Tha sinn a’ lorg daoine aig a tha dealasach dhan Ghàidhlig, agus am bheil bheil ùidh ann a bhith ag obair le chlann fo aois sgoile agus teaghlaichean le chlann òga.

Tha sinn sùbailte a thaobh pàtran obrach agus bi sinn deònach cuideachd coimhead ri iarrtasan bho dhaoine a tha sireadh dreuchd pàirt-ùine, no aon de na dreuchdan a’ roinn còmhla ri cuideigin eile.

‘S e dreuchdan làn ùine a tha seo, stèidhichte le Comunn na Gàidhlig/Comann nam Pàrant, le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig agus CYPFEIF.

Tha na dreuchdan seo a’ leantainn airson bliadhna a-mhàin sa chiad dol a-mach, ach a rèir soirbheachas am pròiseact pìleat bhitheadh dòchas againn gun gabhadh na cùmhnantan an sìneadh a-mach.

Tha sinn ro-dheònach conaltradh no-fhoirmeil a chumail le duine sam bith aig am bheil ùidh ann an gin de na dreuchdan seo.

Bithidh foirm tagraidh a dhìth oirnn, agus airson leth-bhreac den fhoirm fhaighinn cuireabh fios gu Màiri NicDhòmhnaill air mairit@cnag.org

Airson conaltradh no-fhoirmeil ro làimh, cuireabh fios gu Dòmhnall MacNèill air domhnallmacneill@cnag.org

Feumar tagraidhean a chuir thugainn ro 5f Dihaoine 25mh Ògmhios aig a char às fhaide.

Tha dùil againn agallamhan a chumail uaireigin air an t-seachdainn a’ tòiseachadh 5mh Iuchar – ach faodar ìnnse dhuinn ro làimh nam bitheadh na thrioblaid dhuibh.

Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.