
Làrach-lìn / Website cnag_albaComunn na Gàidhlig
NB: Tha seo ga shanasachd mar dhreuchd làn ùine, a’ frithealadh taobh sear, is taobh siar Rois. Ged tha, bhitheadh sin gu math fosgailte ri tagraidhean airson an obair a roinn – dà dhreuchd 0.5FTE a’ frithealadh gach cuid, an taobh sear agus an taobh siar mar sgìrean fa leth.
‘Se cothrom a tha seo a dhol an sàs aig teis mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig – mathaid ‘san raon às cudromaiche a th’ann – am measg an òigridh; a’ cumail taic ri luchd-labhairt ùr.
Tha na “h-Iomairtean Ghàidhlig” air a bhith stèidhichte aig Comunn na Gàidhlig bho chionn 2009, agus tha an dreuchd a tha seo mar phàirt den sgioba cliùiteach, taiceil seo.
‘S e sgìre Iomairt ùr a tha seo – a’ frithealadh òigridh Sgìre Rois le cothroman Gàidhllig a chleachdadh agus a ghleusadh,
Mar leis a h-uile Iomairt Ghàidhlig eile, tha fòcas làidir againn anns an sgìre seo air an òigridh fhèin, a’ feuchainn ri am brosnachadh agus am misneachadh anns a chànain, agus an dàimh-pearsanta a th’aca dhan Ghàidhlig a dhaingneachadh.
Tha seo ga dheànamh le measgachadh de seiseanan is cur-seachadan spòrsail is tarraingeach, gach cuid leis an oifigear fhèin gan lìbhrigeadh, neo le bhith a’ cur air dòigh feadhainn eile son seo dhèanamh.
Tha e riatanach gum bheil ùidh aig an neach a gheibh an dreuchd seo ann a bhith ag obair le daoine òga (sa bhun-sgoil, suas gu deireadh an àrd-sgoil); agus cuideachd a bhith an comas dàimh is càirdeas a thogail leotha.
Tha sinn a’ lorg cuideigin le mac-meanma, dealas dhan chànain, agus ùidh mhòr ann an obair òigridh.
‘Se dreuchd làn ùine a tha seo, stèidhichte le CnaG, agus le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig.
Bithidh foirm tagraidh a dhìth oirnn bho gach neach aig am bheil ùidh san dreuchd. Gheibh sibh leth-bhreac den fhoirm seo bho Mhàiri T NicDhòmhnaill air an seoladh post-d: mairit@cnag.org
Tuilleadh fiosrachaidh / More info
Pasgan Fiosrachaidh CnaG Ceitean 2022 Oban is Rois 3.docxTuairisgeul Obrach Ceitean 2022 Oifigear Iomairt 2.doc
Pasgan Fiosrachaidh CnaG Ceitean 2022 Oban is Rois 2.docx