Co-ordanaiche Taic Leasachaidh – Development Support Co-ordinator

  • Full Time
  • Inbhir Nis neo Steornabhagh
  • Posted 4 weeks ago
  • Applications have closed
  • Salary: £26-27,000
  • Contract: Maireannach
  • Hours per week: 35
  • Gaelic Essential

Website Comunn na Gàidhlig

Obair leasachaidh òigridh aig ìre coimhearsnachd

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) air dreuchd ùr, cudromach a stèidheachadh taobh a-staigh structar na Buidhne.  Bidh an dreuchd a tha seo –  Cò-òrdanaiche Taic Leasachaidh – a’ cur gu mòr ri obair leasachaidh ChnaG le bhith a’ cumail taic de dhiofar seòrsa don sgioba leasachaidh.

 

Bidh prìomh dhleastanasan na dreuchd a’ gabhail a-steach:

 

·         Cruthachadh, obrachadh agus a’ dèanamh lèirmheas air siostaman rianachd ChnaG, gus daingneachadh èifeachdas agus riaghladh aig àrd ìre;

·         Cruthachadh, obrachadh agus lèirmheas a dhèanamh air siostaman ChnaG airson campaichean is obair òigridh;

·         Siostam pàighidh ChnaG a ghabhail os làimh.

·         Taic a chumail ri obair conaltraidh ChnaG a thaobh rianachd is susbaint na làrach-lìn;

 

Feumadh sibh dearbhadh gu bheil sibh:

 

Eòlach ann an rianachd corporra/gnothachas, a’ toirt a-steach a bhith a’ cruthachadh agus ag atharrachadh siostaman rianachd gus tuilleadh èifeachdas;
Eòlach an rianachd ionmhais;
Comasach, labhairt agus sgrìobhadh, ann an Gàidhlig aig àrd ìre;
Comasach an IT, ann an Excel, Word agus rianachd làrach-lìn aig àrd ìre.
Bidh an tuarastal aig ìre £26-27,000/ sa bhliadhna agus 9% peinsean.

 

Bidh an  dreuchd stèidhte an Steòrnabhagh neo Inbhir Nis a-rèir miann an tagraiche soirbheachail.

 

Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh agus foirm tagraidh bho:

Calum Iain MacLeòid, CnaG, An Tosgan, Rathad Shìophort, Steòrnabhagh HS1 2DG

Fòn: 01851 701802    Post-dealain: calumiain@cnag.org

 

Feumaidh foirm tagraidh a bhith a-staigh ro 5.00f air 19 Giblean 2018 agus bidh agallamhan ann air Diardaoin 26 Giblean.

 

Tha Poileasaidh Co-ionnanachd Chothroman aig CnaG agus tha sinn a’ cur fàilte air iarrtas bho gach roinn den choimhearsnachd.

 

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.