Oifigear Leasachaidh – Òigridh is Coimhearsnachd

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Oban
  • Posted 4 days ago
  • Tuarastal / Salary: £11,000 sa bhliadhna
  • Cùmhnant / Contract: Bliadhna - sa chiad dol a-mach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 17.5
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum
  • May 31, 2019

Làrach-lìn / Website Comunn na Gàidhlig

Oifigear Leasachaidh - Òigridh is Coimhearsnachd - Òban

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) airson dreuchd cudromach sa sgioba leasachaidh aca a lìonadh.

Tha an dreuchd sa – Oifigear Leasachaidh Òigridh is Coimhearsnachd; Sgìre an Òbain – na phàirt de sgioba eòlach, cliùiteach is comasach a tha ag obair gu maith na Gàidhlig le luchd-labhairt òga.

Tha an obair a’ leantainn gach cuid ann an compàirt le sgoiltean is buidhnean eile, agus taobh a-muigh na sgoiltean sa choimhearsnachd fhèin. Bithidh cothrom aig an neach a tha seo leantainn ris an obair a tha mu thràth stèidhichte san sgìre, a thuilleadh air na beachdan aca fhèin a chuir an sàs.

Tha an dreuchd seo bàn an dràsta dìreach leis gun d’fhuair an neach a bh’ann air adhartas a dhèanamh gu dreuchd eile le CnaG/Comann nam Pàrant.

Tha an obair tha seo ga stèidheachadh ann an compàirt le Comhairle EarraGhàidheal is Bòid, is le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh faodar fònadh neo post-dealan a chuir gu Marina Mhoireach (seòladh p-d fodha) T: 01851 701802

GHEIBHEAR FOIRM-TAGRAIDH LE BHITH A’ CUR POST-DEALAN GU MARINA MHOIREACH AIR AN SEÒLADH THA FODHA.

Feumaidh tagraidhean a bhith againn ro 5f, Dihaoine 31mh Cèitean.

Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.